Noro-bhìoras an Ràthaig Mhòir air sgapadh

Tha bhìoras a fhuair ma sgaoil ann an ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis air sgapadh gu ionad dlùth-chùraim an ospadail.

Chaidh Noro-bhìoras a lorg ann an dithis euslainteach, agus chaidh an uard sa bheil iad a dhùnadh do dh'euslaintich ùra.

Thuirt ceannardan an ospadail gu bheil iad air goireasan dlùth-chùraim a ghluasad gu pàirt eile den togalach.

Tha iad cuideachd air dearbhadh gu bheil Noro-bhìoras air triùir euslainteach ann an Uard 6c, a th' air a bhith dùinte bho Dhiardaoin seo chaidh.