Beachdan gan iarraidh mu Sgoil Chàrlabhaigh

Càrlabhagh Image copyright Alan Stewart/Geograph

Thèid rannsachadh foirmeil a chur air adhairt feuch dè ghabhas dèanamh le togalach seann Sgoil Chàrlabhaigh ann an Leòdhas.

Tha a' choimhearsnachd airson a gabhail os làimh gu tur, ach feumar measadh a dhèanamh a thaobh chosgaisean agus chothroman.

Bidh coinneamh phoblach aca gus a' chùis a dheasbad Disathairne.

"Tha an sgoil a-nis air a bhith dùinte o chionn còrr math air dà bhliadhna, agus tha sinn fhìn air a bhith, mar choimhearsnachd, agus gu h-àraid Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh, a' smaoineachadh 's a' beachdachadh air dè bu chòir dhuinn a dhèanamh leis an togalach, agus dè am feum a dh'fhaodadh na togalaichean agus an t-seann sgoil a dhèanamh dhan choimhearsnachd," thuirt Cathraiche Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh, Iain MacArtair.

"Tha ceisteachain mu dheidhinn na sgoile a' dol a-mach dhan a h-uile taigh, agus chan eil ach aon leth-bhreac a' dol dha na taighean, ach ma tha barrachd is aon duine ag iarraidh a lìonadh a-steach, 's tha mi cinnteach gum bithidh, faodaidh iad sin a dhèanamh air-loidhne.

"Tha an t-uabhas bheachdan air nochdadh, agus 's e sin as coireach gu bheil sinn air eòlaichean fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air na planaichean a th' againn san amharc, a dh'fhaicinn a bheil iad iomchaidh agus an fhiach dhuinn a dhol an sàs annta.

"Na beachdan a th' ann 's e, 's dòcha, bùth choimhearsnachd, agus 's dòcha an t-ionad coimhearsnachd fhèin a dhèanamh beagan nas motha, 's dòcha cidsean mòr a dhèanamh - tha an cidsean a th' againn an-dràsta san ionad car beag - agus 's dòcha briseadh a-steach dhan t-seann sgoil agus na rùmannan sin a chleachdadh airson adhbharan eadar-dhealaichte.

"Tha sinn a' cleachdadh na sgoile mar thà. Tha i againn air màl airson bliadhna, agus tha oifigeach leasachaidh Chàrlabhaigh, tha oifis aice anns an sgoil.

"Tha grunn rudan ann a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh leatha, agus tha sinn an dòchas a gheibh sinn air a dhèanamh leatha.

"Ach feumaidh sinn coimhead ri airgead agus dè chosgas rudan. ]

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn fiosrachadh mu dheidhinn an rannsachaidh seo a-mach toiseach na bliadhna.

"An uair sin feumaidh sinn ar n-inntinn a dhèanamh an-àirde, a bheil sinn a' dol air adhart, a bheil sinn ag iarraidh an sgoil a ghabhail a-nall, an sgoil a cheannach.

"Tha sinn an dòchas glè mhòr gun gabh sin dèanamh. Ach feumaidh sinn a bhith cinnteach, ma 's e 's gun dèan sinn e, gu bheil dòigh ann air an rud a chumail a' dol.

"'S e coimhearsnachd gu math beag a tha seo ann an dòigh, ach air an làimh eile, bidh an t-uabhas chàraichean a' dol seachadh air Sgoil Chàrlabhaigh, a' dol tro Chàrlabhagh, a h-uile Samhradh. An t-uabhas luchd-turais a' tighinn a-nall dhan taobh seo den eilean.

"Sin aon àite anns am faodadh sinn, 's dòcha, ionmhas a thoirt a-steach a chumadh a' dol sinn," thuirt e.

Thèid a' choinneamh sin a chumail anns an ionad choimhearsnachd faisg air an sgoil aig 4:00f Disathairne.