Gearraidhean eile air fàire

Airgead

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil cunnart ann, le cho teann 's a tha am buidseat, gun tèid seirbheisean a ghearradh air an robh dìon thuige seo.

Tha an t-ùghdarras air a bhith a' cumail sreath choinneamhan poblach ag iarraidh beachd an t-sluaigh.

Tha Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh nach bi fios aca le cinnt gu an ceann mìos no dhà fhathast dè na seirbheisean agus cosnaidhean a dh'fheumas falbh.

"Chan e suidheachadh cofhurtail a tha sin dhuinne. Tha sinn air a bhith a' gearradh bhuidseatan fad cha-mhòr deich bliadhna no barrachd, agus tha sinn a-nise a' faighinn a-mach gu bheil sinn a' gluasad gu rudan a bha sinn airson a sheachnadh gu tur anns na bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Prìomhachasan

"'S e sin an t-adhbhar gu bheil na coinneamhan conaltraidh againn tro na h-Eileanan a-nis, air an t-seachdain seo chaidh agus air an t-seachdain seo.

"Feumaidh gearraidhean a bhith air an dèanamh. Chan eil teagamh sam bith mu dheidhinn sin.

"'S e an rud a tha sinne a' sireadh an-dràsta leis an coinneamhan a tha seo, tha sinn ag innse do na coimhearsnachdan dè na suimean airgid a tha sinne a' cleachdadh air na seirbheisean fa-leth, agus ag iarraidh orrasan prìomhachas a dhèanamh mu dheidhinn nan seirbheisean a tha iadsan airson a ghlèidheadh ge b' e dè thachras, agus seirbheisean 's dòcha a bhiodh iad leigte ris lùghdachadh a dhèanamh air na seirbheisean a tha sin agus a' chosgais a tha nan lùib.

"'S e sin cothromachadh a dh'fheumas sinne a dhèanamh aig deireadh an là nuair a chuireas sinn buidseat air dòigh.

"Ach tha sinne airson dha-rìribh còmhradh a bhith againn ris na coimhearsnachdan air dè na rudan dha bheil iadsan a' toirt prìomhachasan as motha.

"Feuchaidh sinne an uair sin ris na prìomhachasan a tha sin a sheachnadh cho mòr 's a thèid againn air.

"Thuige seo, cha bhiodh e na iongnadh sam bith dha daoine gur iad na rudan a thathas a' toirt prìomhachais dhaibh 's e na rudan air a bheil sinn a' cosg barrachd.

"'S e sin seirbheisean dha seann daoine agus seirbheisean cloinne. Sin an dà sheirbheis - ged a tha iad a-nise ceangailte ri seirbheisean eile - 's e sin na seirbheisean as motha air a bheil sinne a' cosg airgid gach bliadhna a dh'aindeoin 's am biodh gearraidhean ann gus nach bitheadh.

"'S e dè 's urrainn dhuinn tuilleadh a dhèanamh airson na seirbheisean a tha sin a dhèanamh nas èifeachdaiche ann a bhith gan lìbhrigeadh, agus le sin a' ciallachadh nach bi sinn a' gearradh a-steach dha na seirbheisean fhèin.

"'S e glè bheag a-niste - ma tha càil idir ann - as urrainn dhuinn a dhèanamh. Chan eil teagamh sam bith, nuair a thathas air faisg air £20m a thoirt a-mach às a' bhuidseat againn thairis air an deich bliadhna a chaidh seachad, nach eil sinn a-nis gu bhith a' cuimseachadh air rudan a chaidh a sheachnadh rona seo.

"Tha sin gu bhith duilich dha-rìribh a dhèanamh," thuirt e.

Bidh na coinneamhan mu dheireadh ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil Oidhche Ardaoin aig 7:00f agus Oidhche Haoine ann an Sgoil Dhalbroig eadar 5:00f agus 7:00f.

Faodar cuideachd beachdan a chur ann an sgrìobhadh chun na Comhairle no air-loidhne air an làraich-lìn aca.