Companaidh dhealbh an dòchas sreath Gàidhlig a dhèanamh

Humf Image copyright King Rollo Films
Image caption Tha Humf am measg nan sreathan aig King Rollo Films

Tha a' chompanaidh dhealbh King Rollo films am beachd sreath Gàidhlig a dhèanamh airson a' chiad turas.

'S iad a th' air cùlaibh nam prògraman cloinne Spot, Humf agus Deer Little Forest.

Tha iad airson an sreath ùr a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach, agus cumaidh iad bùithtean-obrach an asgaidh do luchd-ealain an ath-mhìos agus anns an Fhaoilleach is iad ag iarraidh luchd-obrach às an sgìre fhaighinn.

Bidh an trèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt King Rollo Films gum faodadh an sreath ùr, a dheigheadh a dhèanamh anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, a bhith deiseil taobh a-staigh trì bliadhna.