Ath-thagradh mu sgoiltean an Eilein Sgitheanaich a' tòiseachadh

Tòisichidh ath-thagradh Chomhairle na Gàidhealtachd Diluain an aghaidh co-dhùnadh Phanail Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean - a dhiùlt cead a thoirt seachad airson ceithir sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach a dhùnadh.

Bha a' Chomhairle airson bun-sgoiltean an Aodainn Bhàin, Dhùn Bheagain, A' Chnuic Bhric agus an t-Sruthain a dhùnadh - is sgoil ùr a thogail ann an Dùn Bheagain.

Ach cho-dhùin am panal nach do rinn a' Chomhairle an dleastanas fon lagh a thaobh co-chomhairle air a' ghnothach.

An dèidh dhaibh co-chomhairle a chumail, cho-dhùin Comhairle na Gàidhealtachd na ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh, agus aon sgoil ùr a thogail nan àite.

Chùm iad a-mach gum biodh buannachdan ann a thaobh foghlaim na cloinne agus dhan choimhearsnachd, a bharrachd air airgead a shàbhaladh.

An dèidh strì bho luchd-iomairt, chaidh an co-dhùnadh a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba.

Lorg Panal Ath-Sgrùdaidh Dùnadh nan Sgòiltean gur robh iomadh laigse anns a' cho-chomhairle agus dhiùlt iad cead a thoirt do phlana Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha an t-ùghdarras a' dèanamh ath-thagradh an aghaidh breithneachadh a' panail, is iad ag ràdh gun deach am panal nas fhaide na tha ceadaichte dhaibh.

Thig an t-ath-thagradh air beulabh Cùirt an t-Siorraim ann am Port Rìgh Diluain agus Dimàirt, ach chan eil dùil ri breithneachadh sgrìobhte airson grunn mhìosan fhathast.