"Cobhair" a dhìth air coimhearsnachd na Gàidhlig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An Dtr Ùisdean MacIllinnein, Eòghann Stiùbhart agus Donnchadh Fearghasdan air Aithris na Maidne.

Tha feum aig coimhearsnachd na Gàidhlig air "cobhair" ann a bhith a' seasamh a cuid chòirichean.

Sin am beachd aig an Dtr Ùisdean MacIllInnein agus e a' toirt seachad òraid aig Oilthigh Dhùn Èideann air an deireadh sheachdainn.

A' ceasnachadh "Cò tha a' riochdachadh nan Gàidheal" - thuirt e gu feum seasamh nas làidire a bhrosnachadh anns na coimhearsnachdan - seach fhàgail aig buidhnean poblach mar Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt Mgr MacIllInnein: "Tha mi a' smaoineachadh gur e a' phrìomh rud a th' air a bhith follaiseach bhon chòmhradh a th' air a bhith againn aig a' choinneimh a tha seo gu bheil feum aig coimhearsnachd na Gàidhlig, no an fheadhainn a bha an seo bho choimhearsnachd na Gàidhlig an-diugh, gu bheil feum aca anns an fharsaingeachd air cobhair a thaobh a bhith seasamh an còirichean - ciamar a nì iad e, cuin a nì iad e agus cò dha a nì iad e, a chionn tha diofar thaobhan an-diugh air coimhearsnachd na Gàidhlig.

Coimhearsnachd "eadar-dhealaichte"

"Tha coimhearsnachd na Gàidhlig, ge-bi dè th' ann, gu math eadar-dhealaichte bhon choimhearnachd a bh' ann fiùs fichead bliadhna air ais."

Thuirt Ceannard Roinn Cheilteis Oilthigh Dhùn Èideann, an t-Oll. Rob Dunbar, gum b' fhiach an cuspair a thogail: "An toiseach, dè tha coimhearsnachd na Gàidhlig a' ciallachadh, cò a tha anns a' choimhearsnachd, agus an uair sin, cò tha a' riochdachadh na coimhearsnachd?

"Cha d' fhuair sinn am freagairt mu dheireadh air a' cheist seo, ach chaidh na ceistean a thogail agus 's e ceistean cudthromach a th' annta gun teagamh sam bith."

Riochdachadh

Bha aonta anns ann t-seòmar gu bheil trioblaid ann agus gu bheil e air fhàgail aig buidhnean pobhlach leithid Bòrd na Gàidhlig a bhith a' riochdachadh nan Gàidheal.

Bha gu leòr ag ràdh gu feumadh a' choimhearsnachd a bhith air a neartachadh.

Thuirt Ùisdean MacIllInnein: " 'S e an rud a tha a dhìth 's dòcha slighe a chomharrachadh do dhaoine, trèanadh a thoirt do bhuidhnean, mar eisimpleir ciamar a nì sibh conaltradh anns na meadhanan - chan eil na buidhnean Gàidhlig air a bhith math air an sin - agus nan dèanadh sibh sin, shìoladh sin sìos.

"Ach, aig deireadh an là, feumaidh an gluasad a tha seo a thighinn bho ìre na coimhearsnachd."

Poileasaidh

Bha Maighstir MacIllInnein cuideachd ag ràdh: "Tha mi a' smaoineachadh gur e a' phrìomh rud a bhiodh tu ag iarraidh às, 's e buaidh air poileasaidh.

"An-dràsta, 's e an rud a tha a' tachairt nuair a bhios conaltradh ann leis an riaghaltas air ceist mhòr sam bith, biodh e ceist Bhile an Fhoghlaim no Bile na Gàidhlig mar eisimpleir, anns a' chumantas, chan eil iad a' faighinn am beachdan a-staigh.

"Tha an dà rud a ruith streath a chèile - cuir a-staigh na beachdan, gluais luchd-poileataics agus cuir ìmpidh orra agus tachraidh rudan is thig adhartas."