Fàilte air gealltanas a' bhainn-leathainn

Coimpiutair Image copyright Thinkstock

Rinn Comhairle nan Eilean Siar toileachas le gealltanas bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu bhann-leathann luath a sgaoileadh dhan a h-uile duine.

Tha ministearan an Riaghaltais àg ràdh gum bu chòir còir laghail a bhith aig gach dachaidh is oifis am Breatainn air bann-leathann co-dhui 10 megabit gach dìog ro 2020.

Thuirt an Riaghaltas gum bu chòir bann-leathann luath a bhith air a mheas mar rud a tha bunaiteach dhan t-sluagh, mar uisge is dealan.

Bha gealltanas mar sin na phàirt den iomairt 'Ar n-Eileanan Ri Teachd' a bha ag amas air cumhachdan a bharrachd do dh'eileanan na dùtcha.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gur e ceum air adhart a tha ann an gealltanas an Riaghaltais.

"Strì"

"S dòcha nach eil 10 megabit gach dìog cho luath sa dh'iarradh sinn - is cumaidh sinn oirnn a' strì air sin - ach co-dhui 's e aithne a tha seo gum bu chòir còir laghail a bhith aig daoine air bann-leathann", thuirt Mgr Caimbeul.

Thuirt e gu bheil a' Chomhairle a' feuchainn ri dearbhadh dè na sgìrean anns na h-Eileanan an Iar nach fhaigh bann-leathann luath fon sgeama a th' ann, is e ag ràdh gum faodadh sin a bhith cho àrd ri 30% de thaighean na sgìre.

Thuirt e gu bheil e an dòchas gun gabh an gealltanas ùr a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine an teicneolas.

Nochd Urras Taobh Siar na Hearadh dragh an t-seachdain seo gu bheil mì-chinnt mu cuin a gheibh an sgìre bann-leathann luath a' cur maill air leasachadh san àite.

Thuirt iad gu bheil na h-uimhir de phròiseactan aca nach tèid air adhart às aonais bann-leathann luath, is gu bheil teaghlaichean òga ann a thilleadh dhan sgìre nam biodh an teicneolas ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile