Fiaclan cloinne nan Eilean Siar as fheàrr

Chan eil trioblaidean fiaclaireachd sam bith aig 82.8% de chloinn P7 sna h-Eileanan Siar - an dàrna figear as fheàrr an Alba.

Tha sin an coimeas ri dìreach 54.5% de chloinn P7 san sgìre ann an 2007.

Thèid coimhead ri fiaclan cloinne anns a h-uile sgìre shlàinte an Alba gach bliadhna. Gach dàrnacha bliadhna thèid coimhead ri fiaclan cloinne ann am P1.

B' e figear meadhanach na bliadhna seo airson Alba air fad 75.3% de chloinn gun lobhadh sam bith nam fiaclan.

'S e na Crìochan a b' fheàrr, le 83.6% de chloinn gun trioblaidean fiaclaireachd sam bith.