Cead do leasachadh sa Ghearasdan

An làrach air Rathad Achadh an Todhair Image copyright Dave Fergusson / Geograph
Image caption Tha an togalach air a bhith bàn 'son 40 bliadhna.

Chuir comhairlichean Gàidhealach taic ri plana airson seann sgoil anns a' Ghearasdan atharrachadh gu oifisean comhairle.

Cosgaidh an leasachadh air seann Àrd-sgoil a' Ghearsdain air Rathad Achadh an Todhair £6m.

Chaidh an togalach a dhealbh leis an ailteir chliùteach Alasdair Ros is chaidh a chrìochnachadh ann an 1876, ach dhùin an sgoil bho chionn còrr is 40 bliadhna.

Chan urrainn dhan Comhairle a leagail leis gu bheil e air a chlàradh aig ìre B aig Alba Aosmhor.

Leasachadh

Thèid pìos ùr a chur ris an togalach a-nise.

Bidh goireasan poblach agus oifisean ann, a thuilleadh air seòmar deasbaid dhan chomhairle.

Thèid togalaichean eile air an làraich nach eil air an clàradh a leagail.

Bhòt buill air Comataidh Dealbhachaidh a Chinn a Deas 15-2 gus taic a chur ris a' phlana.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile