Dh'fhaodadh gun till Iasad nan Taighean Croite

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio, Iasad nan Taighean Croite gus tilleadh?

Thàinig e am bàrr gur dòcha gun toir Riaghaltas na h-Alba air ais Sgeama Iasad nan Taighean Croite.

Chaidh cur às dha na h-iasadan ann an 2004.

Bhon uairsin tha croitearan air a bhith a' gearain nach eil iasad ann is nach eil an ìre de ghrant a tha ri fhaighinn fon sgeama àrd gu leòr.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a measg na bha ag iomairt mun chùis is iad ag ràdh nach deach measadh a dhèanamh air ìre na taice bho 2004.

Rinn an Riaghaltas co-chomhairle phoblach air a' chùis bho chionn ghoirid.

Thuirt Ministear na Croitearachd, Aileen NicLeòid, Diluain gun robh iad a-nis a' coimhead air riaghailtean ùra a thoirt a-steach airson a' ghrant, agus gun tèid coimhead ri iasadan a thoirt air ais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh