Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile na h-Alba

Bidh a' bhòt mu dheireadh ann an Taigh nan Cumantan feasgar air Bile na h-Alba, a tha a' moladh tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Tha an SNP fhathast ag ràdh nach eil sin a' dol cho fada 's a gheall aonta thar-phàrtaidh fo Choimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn an dèidh referendum na h-Alba an-uiridh.

Alasdair MacIlleMhìcheil

Tha britheamhan ann an Dùn Èideann ag èisteachd an-diugh ris an ath-ìre de thagradh laghail mu thaghadh Alasdair MhicIlleMhìcheil mar Bhall-Pàrlamaid do dh'Arcaibh is Sealtainn. Tha ceathrar às an sgìre sin a' cumail a-mach gun tug Mgr MacIlleMhìcheil a' char à luchd-bhòtaidh nuair a chuir esan a-mach fiosrachadh nach robh fìor aig àm an Taghaidh Choitchinn, a thuirt gun robh Nicola Sturgeon ag iarraidh Dàibhidh Camshron a ghlèidheadh mar Phrìomhaire.

Cosgaisean Riaghaltais

Innsidh an Seansalair, Seòras Osborne, gun tàinig e gu aonta ann am prionnsabal ri ceithir de roinnean an Riaghaltais airson cha-mhòr an treas cuid a ghearradh far na tha iad a' cosg ro 2020. 'S iad sin Roinnean an Ionmhais, Còmhdhail, Àrainneachd agus Ùghdarras Ionadail. Tha dùil ri fiosrachadh mionaideach air a' chùis ro dheireadh na mìos.

Aiseag Loch Baghasdail

Thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, nach eil dùil ri strì airson seirbheis aiseig a ghlèidheadh eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban, ged a tha dragh air feadhainn ann an Uibhist mu bhith a' call na seirbheis sin. Tha a h-uile dùil gun sguir an t-seirbheis nuair a thòisicheas seirbheis eile eadar Loch Baghasdail 's Malaig air an t-Samhradh an ath-bhliadhna.

Stàilinn

Tha coinneamh aig ministearan an Aonaidh Eòrpaich an-diugh a dheasbad na h-èiginn anns a bheil companaidhean stàilinn na h-Eòrpa a tha a' fulang le stàilinn shaor à Sìona. Chaidh còrr is ceithir mìle cosnadh a chall air a' mhìos a chaidh ann an gnìomhachas stàilinn Bhreatainn.

Droch Shìde

Tha droch shìde a' cur maill air mòran de na seirbheisean aiseig an-diugh, eadar Steòrnabhagh is Ulapul, tha an ath-sheòladh aig 2:00f à Steòrnabhagh ma bhios an aimsir freagarrach. Bidh sùil ann aig meadhan-là cuideachd air na seirbheisean eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail. Agus tha aiseag Chaolas na Hearadh na tàmh an-dràsta cuideachd. Bheir iad sùil air an t-suidheachadh an sin a-rithist aig 1:00f.