County air an taghadh an aghaidh Celtic

Tadhal Mhìcheil Gardyne Image copyright SNS Group Bill Murray
Image caption Rinn County an gnothach air Caley Thistle sa chairteal chuairt dheireannaich.

Chaidh Ross County a thaghadh an aghaidh Celtic san iar chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge.

Rinneadh an taghadh aig Hampden feasgar Diluain.

Chluich na sgiobaidhean san lìog Didòmhnaich is Celtic air soirbheachadh 4-1 aig Pàirc Bhictoria.

Ràinig County an ìre seo den fharpais 'son a' chiad uair às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Caley Thistle 2-1 an Inbhir Nis.

Bidh Hibs an aghaidh St Johnstone sa gheama eile.

'S ann aig Hampden a bhios an geama eadar Ross County is Celtic Didòmhnaich an 31mh den Fhaoillseach aig 3.00f.

Bidh an geama beò air BBC Scotland.

Cluichidh Hibs is St Johnstone aig Tynecastle Disathairne an 30mh den Fhaoilleach aig 3.00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile