Poilis a' rannsachadh aithris bhoma aig sgoil

B' fheudar do sgoilearan agus tidsearan cùl a chur ri àrd-sgoil ann an Inbhir Nis madainn Diluain is poileas air rabhadh fhaighinn gun robh boma san togalach.

Chaidh fios a chur na seirbheisean èiginn mu 9.15 gun robh cuideigin air maoigheadh gun robh boma aig Acadamaidh Bhaile Theàrlaich air taobh siar a' bhaile.

Cha deach dad a lorg san togalach is thill sgoilearan is luchd-obrach às dèidh uair a thìde.

Thuirt na poilis gun robh iad fìor dhraghail mun chùis agus gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.

Thuirt iad gu bheil fìor dhroch bheachd aca air aithrisean fuadain a tha a' toirt buaidh air na seirbheisean-èiginn, is gum faodadh Neach-Casaid a' Chrùinn a dhol an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile