Maill air leasachadh anns na Hearadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Mì-thoileachas mu bhann-leathann sna Hearadh

Thuirt Urras Taobh Siar na Hearadh gu bheil mì-chinnt mu cuin a gheibh an sgìre bann-leathann luath a' cur maill air na h-oidhirpean aca leasachadh a thoirt air an àite.

Ghabh an t-Urras smachd air an t-seann oighreachd an 2010 is iad ag amas air ath-bheothachadh a thoirt air an sgìre

Chuir iad rompha barrachd dhaoine a thaladh ann le a bhith a' cruthachadh chothroman-cosnaidh agus a' togail thaighean ùra.

Tha iad ag ràdh a-nise gu bheil na h-uimhir de phròiseactan aca nach tèid air adhart às aonais bann-leathann luath.

'S e cnap-starra mòr a th' ann, a rèir an Urrais, agus iad ag ràdh gu bheil teaghlaichean òga ann a thilleadh dhan sgìre nam biodh bann-leathann luath ann.

"A h-uile coinneamh"

"Tha sinn a' cluintinn seo aig a h-uile coinneamh aig a bheil sinn", thuirt Cathraiche an Urrais, Murchadh MacAoidh.

"Tha e cho cudromach is gu bheil rudan ann nach tèid air adhart mura faigh sinn am bann-leathann is tha daoine ann nach tig an seo airson gnìomhachasan a thòiseachadh mura faigh sinn e. Tha sin a' cur dragh mòr oirnn.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri tòrr dhaoine, feadhainn aca a tha ag obair ann am pharmaceuticals agus nam faigheadh iad bann-leathann, thigeadh iad a-màireach.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e gu sònraichte doirbh dhaibh leis gu bheil càbal bann-leathainn a' dol tron sgìre.

Deatamach

Tha e deatamach, tha e ag ràdh, gum faigh a' choimhearsnachd air ceangal ris.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil pròiseict a' leantainn a bheir bann-leathann dhan mhòr-cuid de thaighean is gnìomhachasan anns na h-Eileanan an Iar.

Dh'innis iad gun robh iad ag aithneachadh cho doirbh sa tha e do choimhearsnachdan a tha a' faicinn leasachadh a tha a' dol tron sgìre aca gun cheangal aca dhaibh fhèin.

Thuirt HIE gu bheil dà ìre ann, an lionra a stèidheachadh dhan sgìre air fad, is bun-structar an uairsin gus am bann-leathann a cheangal ri taighean is gnìomhachasan.

Thuirt iad gu bheil cuid de dh'àitichean iomallach ann far nach gabh ceangal ris a' chàbal is gu bheil iad ag obair còmhla ri Digital Scotland feuch ciamar a ghabhas an gnothach a leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile