Gairm gu croitearan Uibhist a Tuath

Croit

Tha impidh ga chur air croitearan, feadhainn òga gu sònraichte, a dhol gu coinneimh bhliadhnail meur Uibhist a Tuath de Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.

'S ann bho chionn bliadhnaichean a bha a' choinneamh bhliadhnail mu dheireadh den mheur ann

A rèir chathraiche ionadail Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, Ena NicDhòmhnaill, tha mar a tha cùisean ag atharrachadh sa ghnìomhachas a' fàgail gu bheil e deatamach gun cuir iad am meur air ais air a chasan.

"Thuige seo, cha robh mòran den òigridh a' gabhail pàirt anns na coinneamhan ach tha mi air a bhith a' bruidhinn ris a' chuid as motha aca a tha ùidh aca ann an croitearachd, agus tha mi a' smaoineachadh gun tig iad a-mach Dimàirt", thuirt Ena NicDhòmhnaill.

"Tha mi dìreach a' smaointinn gu bheil gnothaichean air a dhol cho doirbh, is ma tha sinn ag iarraidh òigridh a bhith ann an croitearachd, feumaidh sinn sabaid an aghaidh an Riaghaltais.

"Tha siud ri dhèanamh is tha seo ri dhèanamh is a h-uile dad ri dhèanamh is a h-uile dad cho doirbh", thuirt i.

Bidh a' choinneamh ann Dimàirt an 10mh den t-Samhain aig 7:00f an Sgoil Phaibil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile