Cunntas ùr na croitearachd "nas sìmplidh"

Caoraich

Thèid na foirmichean airson cunntas ùr na croitearachd a sgaoileadh aig dèireadh na bliadhna, is Coimisean na Croitearachd ag ràdh gum bi cùisean nas fhasa do chroitearan an coimeas ris an-uiridh.

Chaidh an cunntas a dhèanamh 'son a' chiad turais an 2014.

Ged a bha cuid de chroitearan a' gearain gun tàinig orra, fon lagh, an cunntas a lìonadh, thug 85% dhiubh am beachd seachad.

Suidheachadh math

Sheall an cunntas cuideachd gun robh na mìltean chroitearan a' briseadh riaghailtean croitearachd, ged a thuirt an Coimisean gun robh am fiosrachadh air fad air sealltainn gun robh an gnìomhachas ann an suidheachadh math.

Thèid foirmichean na bliadhna seo a sgaoileadh san Dùbhlachd, beagan nas anmoiche na bha dùil an toiseach.

"Bidh e beagan nas sìmplidh, dh'èist sinn ris an rud a bha daoine a' cainntainn rinn mu dheidhinn", thuirt fear de na coimiseanairean, Murchadh MacIllinnein.

Duilgheadas

"Bha duilgheadas ann a' chiad bhliadhna, bha dùil againn ri sin, ach tha sinn a' faighinn seachad air sin a-nise", thuirt e.

Ged nach do rinn gach croitear an cunntas an-uiridh, tha Mgr MacIllinnein den bheachd gu bheil a' mhòr-chuid a' faicinn gu bheil luach ann.

"Tha mise a' creidsinn gu bheil airson gu bheil iad a' faicinn gu bheil sinn a' dèiligeadh mar choimisean far a bheil duilgheadas, far nach eil daoine ag obrachadh nan lotaichean agus nach eil iad a' fuireach san àite", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile