Susie Wolff gus cùl a chur ri F1

Susie Wolff Image copyright Getty Images
Image caption Tha Susie Wolff, 32, air a bhith còmhla ri sgioba Williams bho 2012.

Dh'innis an dràibhear Susie Wolff gu bheil i a' dol a chur a cùl ris an spòrs is i ag ràdh gu bheil i air gabhail ris nach ruig i an ìre as àirde den spòrs.

Tha Wolff, a bhuineas dhan Òban, air a bhith ag obair còmhla ri sgioba Williams bho 2012.

Bidh i a' dràibheadh a' chàir aig ìre dheuchainnean is rèis i anns na seiseanan ullachaidh aig Grand Prix Bhreatainn an 2014, a' chiad turas ann am 20 bliadhna a bha boireannach air sin a dhèanamh.

Tha i den bheachd ge-tà, nach tèid i dad nas fhaide.

"S e mo rùn a bh' ann bho thùs a bhith air a' ghriod ann an Rèis F1 is bha e a' sìor fhàs follaiseach nach robh sin a' dol a thachairt", thuirt Wolff.

Adhartas

"Thuirt mi bho thùs gun sguirinn nuair nach b' urrainn dhomh an tuilleadh adhartais a dhèanamh agus sin far a bheil mi an-dràsta", thuirt i.

Dh'aidich i gur e buille a bh' ann dhi nuair a dh'innis Williams sa Mhàirt nach fhaigheadh i cothrom an càr a dhràibheadh ann an Grand Prix Mhailèisia, a dh'aindeoin is gun robh fear de na dràibhearan eile aca, Valtteri Bottas, a' fulang le druim goirt.

Thuirt Wolff gu bheil i gu làidir den bheachd gum bu chòir boireannaich cothrom fhaighinn aig ìre F1, is gu bheil i 'son nigheanan a bhrosnachadh sin a dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn gun urrainn dha boireannach farpais aig an ìre seo", thuirt Susie.

"Sheall mi sin aig ìre dheuchainnean. Chan eil mi den bheachd gun tachair e an ceartuair, ach nì mi cinnteach gun cuidich mi an ath-ghinealach.

Spionnadh

"Bha dòchas aig daoine mu dheireadh thall gum biodh boireannach san spòrs is thug sin spionnadh dhomh.

"Tha dà rud ann fhathast, chan eil nigheanan gu leòr a' tòiseachadh aig ìre òig is chan eil boireannach ann a ràinig àrd-ìre gus sealltainn dhaibh gun gabh e dèanamh. Aig amannan feumaidh tu rudeigin mar sin fhaicinn gus am bi thu a' creidsinn gun gabh e dèanamh", thuirt i.

Thuirt Wolff gu bheil i a' dol a bheachdachadh a-nise air an ath-cheum dhi.

Thuirt sgioba Williams gur e tlachd a bh' ann dhaibh a bhith ag obair còmhla ri Susie Wolff is gun robh an t-eòlas aice air an cuideachadh gu mòr an càr aca a leasachadh.

Thuirt iad gur e call a th' ann dhaibh gu bheil i a' fàgail.