Plana MhicThòmais leis an Riaghaltas

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Chaidh planaichean airson comhairle ùr a stèidheachadh airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse is Loch Abair a chur gu co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air cumhachdan ùra do dh'eileanan na dùthcha.

'S ann bho fhear de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Dàibhidh MacThòmais, a thàinig am beachd is taic aige cuideachd bho BhP na sgìre aig Westminster, Iain Blackford.

Tha Mgr MacThòmais ag ràdh gu bheil an sgìre a' fulang na h-aon trioblaidean 's a tha leithid na h-Eileanan an Iar.

Bhiodh riochdachadh nas fheàrr aig muinntir na sgìre nam biodh ùghdarras ùr ga stèidheachadh dhaibh air costa siar na Gàidhealtachd, a rèir Mhgr MhicThòmais.

Taiceil

Thuirt e gu bheil am poball thuige seo air a bhith taiceil dhan mholadh, ach gu bheil feum air beachdan a thrusadh air feadh na sgìre air fad.

Tha e ag ràdh gu bheil e misneachail gun tèid gabhail ris a' mholadh air a' cheann thall.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Bile nan Eilean san t-Sultain.

Thig a' cho-chomhairle mu dheidhinn gu ceann air an 23mh den Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile