Eas-aonta mu chùmhnant nan aiseagan

Bàt-Aiseig
Image caption Chaidh an cùmhnant 'son seirbheisean aiseig air a' chosta an iar a thoirt do Chal Mac an 2007.

Thug am BPA Làbarach, Dàibhidh Stiùbhart, slaic air an SNP is e ag ràdh nach fheum seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar a dhol a-mach gu tairgse.

Cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba ann an 2006 gun robh riaghailtean na Roinn Eòrpa a' fàgail gum feumadh na seirbheisean a chur a-mach gu farpais.

'S iad Caledonian Mac a' Bhruthainn a fhuair an cùmhnant an 2007.

Tha Cal Mac an-dràsta a' farpais ris a' chompanaidh phrìbhidich, Serco, airson a' chùmhnaint ùir.

A rèir Dhàibhidh Stìubhairt ge-tà, chan eil feum air a' phròiseas.

Dh'innis e gun deach e a bhruidhinn ri oifigearan bhon Choimisean Eòrpach as t-Samhradh mu dhòigh a gheibheadh Riaghaltas na h-Alba air an fharpais a sheachnadh.

"Teckal"

Thog Mgr Stiùbhart air prionnsabal air a bheil an "Teckal Exemption", a tha a' ciallachadh nach leig cuid de sheirbheisean a leas a chur a-mach gu farpais.

Dh'innis e gur e a' chomhairle a fhuair e bho oifigearan a' Choimisein gun gabhadh an "Teckal Exemption" a chleachdadh a thaobh seirbheisean aiseig ann an cuid de shuidheachaidhean.

Thuirt e gu bheil e den beachd nam biodh "atharrachaidhean beaga" gan cur an sàs air structaran Chal Mac gun tigeadh a' chompanaidh a rèir riaghailtean Teckal, is nach leigeadh seirbheisean a' chosta an iar a leas a dhol a-mach gu tairgse idir.

Dh'innis Mgr Stiùbhart gun do thog e an gnothach ri Ministear na Còmhdail, Derek MacAoidh, is gun tuirt Mgr MacAoidh nach robh an Riaghaltas air bruidhinn ris a' Choimisean Eòrpach mun "Teckal Exemption".

Chaidh an Riaghaltas às àicheadh na thuirt Mgr Stiùbhart.

Follaiseach

Thuirt Derek MacAoidh gun robh e follaiseach bho thùs gum feumadh na seirbheisean a dhol a-mach gu farpais.

"Tha taic stàite ann dha na seirbheisean air a' chosta an iar is mar sin feumaidh sinn an cur a-mach gu tairgse. Tha sin a' ciallachadh nach eil an "Teckal Exemption" gu diofar idir san t-suidheachadh seo", thuirt Mgr MacAoidh.

"Bu chòir fios a bhith aig Mgr Stiùbhart air sin oir chaidh na riaghailtean seo a chur an sàs bho chionn còrr is fichead bliadhna, agus chaidh an cùmhnant a tha aig Cal Mac an-dràsta a thoirt seachad ann an 2007 às dèidh dhan Riaghaltas Làbarach/Lib Deamach a bh' ann am pròiseas a tha seo a leantainn.

"Cha do dh'fheuch iadsan ris an "Teckal Exemption" a chleachdadh an uair sin air na dearbh adhbharan nach urrainn dhuinne a chur gu feum a-nise, mar sin tha e tàmailteach gu bheil Mgr Stiùbhart a-nise a' cleachdadh a' ghnothaich an oidhirp buaidh phoilitigeach fhaighinn às, fada às dèidh dhan phròiseas tairgse tòiseachadh", thuirt e.

Tha dùil ri co-dhùnadh air a' chùmhnant ùr sa Chèitean an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile