Comhairle a' sireadh taigheadais dha Sirianaich
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd ìmpidh air uachdarain agus daoine aig a bheil togalaichean a tha falamh na taighean aca a thoirt seachad air màl dha teaghlaichean à Siria a tha a' sireadh comraich.
Tha dùil aig a' Chomhairle àite a thoirt dha suas ri 30 teaghlach mar phàirt de phrògram na Rìoghachd Aonaichte comraich a thoirt do Shirianach a tha ann an campaichean fògarrach.
Chaidh buidheann-obrach a stèidheachadh le riochdairean bho NHS na Gàidhealtachd, Poilis na h-Alba, an DWP agus buidhnean saor-thoileach, a thuilleadh air an ùghdarras ionadail.
Thuirt Cathraiche na Comhairle, Màiread Davidson, gun robh iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig an robh togalach a bha ri fhaotainn.
Thuirt i gun robh ùidh aca gu sònraichte ann an àiteachan a dh'fhaodadh iad fhaighinn air màl rè ùine fhada.
Gheibhear barrachd fhiosrachaidh air l na Comhairle.
Chumar coinneamh ann an Leòdhas oidhche Chiadain airson bruidhinn mu na ghabhas a dhèanamh airson comraich a thoirt do Shirianaich sna h-Eileanan an Iar.
Dh'fhaodadh gum bi greis mus tig fògarraich Shirianach gu na h-eileanan agus an obair-ullachaidh fhathast aig ìre gu math tràth.
Tha dùil gum bi buidhnean poblach nan eilean air fad an sàs sa chùis.