Camaran astair a' cur ri sàbhailteachd an A9

Camaran astar coitcheann

Airson a' chiad uair ann an ochd bliadhna cha robh tubaist mharbhtach air an A9 eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlàthain anns an t-Iuchar, san Lùnasdal, neo san t-Sultain.

Thuirt Buidhean Sàbhailteachd an A9, a dh'fhoillsich figearan mun rathad Diciadain, gu robh gnothach aig na camaran astair coitcheinn ri mar a tha am pìos sin dhen rathad a-nis nas sàbhailte.

Chaidh lionra nan camaran a chuir a dhol san Damhair an-uiridh.

Tha leithid Poilis Alba, Comhairle na Gàidhealteachd agus Sàbhailteachd Rathaid na h-Alba uile nam buill de Bhuidhean Sàbhailteachd an A9.

Thuirt cathraiche na buidhne, Stewart Leggett, gu bheil na figearan seo a' sealltainn gu bheil an dòigh a tha daoine a' draibheadh air an A9 eadar Dùn Bhlàthain agus Inbhir Nis air tighinn air adhart gu mòr.

"Tha na figearan a thaobh sàbhailteachd rathaid a' toirt misneachd dhuinn.

"Seo a' chiad turas bho 2007 nach robh tubaist mharbhtach san Iuchar, san Lùnasdal, neo san t-Sultain.

"Dh'fhàs cùisean nas fheàrr a dh'aidhneoin 's gu robh barrachd charbadan air an rathad thar mìosan trang an t-samhraidh, aig àm nuair a bha grunn thachartasan mòr ann agus nuair a bha mòran luchd-turais a' cleachdadh na slighe cudromaich seo," thuirt Mgr Leggett.