Sanas ùr airson nurs ann an Ratharsair

Ratharsair

Thèid sanas-obrach ùr a-mach air an ath mhios airson nurs do dh'Eilean Ratharsair.

'S iad muinntir an eilein fhèin a dh'ullaich an sanas ùr seo, gu ìre mhòr, leis nach do fhreagair duine a' chiad shanas a chuir NHS na Gàidhealtachd a-mach.

Bha a' choimhearsnachd a' faireachdainn gun do dh'fhailich air a' chiad shanas dealbh cho math agus as urrainn a dhèanamh dhan eilean, agus nach deach togail air na buannachdan a tha an luib a bhith ag obair ann an leithid a dh'àite.

Gu dearbha tha iad dhen bheachd gun do chuir e daoine dheth bho a bhith a' cur a-steach airson na h-obrach seach a bhith gan tadhladh.

Bha John Willie Mac'Illiosa, à Ratharsair, am measg nach robh toilichte leis.

"Chunnaic sinn an sanas a bha sin, agus na faclan a bh'ann, e ag ràdh gu robh droch rathaidean ann, droch aimsir, crodh agus caoraich air an rathad, rathaidean cunnartach cuideachd, agus mar a dh'fheumadh daoine a dhol a-mach leotha fhèin air an oidhche ann an droch aimsir, nise ma dh'fheumas iad sin a chuir ann carson nach cuir iad ann na rudan a tha tarraingeach dha daoine?

"Tha sgoil math ann. Tha thu sàbhailte ann an seo. Chan eil meirle ann. Tha e tarraingeach dha gu leòr," thuirt Mgr Mac'Illiosa.

Ath-sgrìobhadh

Roghnaich a' choimhearsnachd ath-sgrìobhadh a dhèanamh air an t-sanas agus thug iad an t-ath-sgrìobhadh sin dha riochdairean NHS na Gàidhealtachd aig coinneamh Dimàirt.

Thuirt an NHS gu robh iad deònach cuid dha na h-atharrachaidhean a chuir san t-sanas ùr.

A thuilleadh air an t-sanas, tha a' coimhearsnachd cuideachd an dùil bhideo a dhèanamh anns an eilean a tha a' sealltainn beatha làitheil na coimhearsnachd.

Sa chiad shanas bha dà dhreuchd de 26 uair a thìde san t-seachdainn airson bliadhna aig a' char as fhaide.

Thuirt an NHS gum faodadh aon neach dreuchd làn-ùine a dhèanamh san eilean.

Tha gainnead seirbhis shlàinte taobh a-muigh uairean àbhaisteach fhathast na adhbhar dhragh dhan choimhearsnachd gun nurs aca, sa chomantas, air an oidhche tron Dàmhair agus tron t-Samhain.

Bidh neach-eirdinn ann fad dà dheireadh-seachdain tron t-Samhain.

Mì-chinnteach

Ach tha Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Ratharsair, Mairead NicBhiocair ag ràdh gu bheil seo a' fagail daoine gu math mì-chinnteach mu cò a bu chòir dhaibh a bhith a' fònadh ma bhios tubaist ann.

"Chan eil càil a dh'fhios agad aig deireadh na seachdain a bheil duine ri fhaotainn neo nach eil.

"Tha fios agam gu bheil brath a' dol suas air a' bhòrd ach cia mheud duine a tha a' leughnadh na tha a' dol suas air bùird fhiosrachaidh?

"Bidh cuid, cha bhì cuid eile," thuirt Ms NicBhiocair.

Tha na thachras sna bliadhnaichean ri teachd cuideachd a' cur dragh air eileanaich.

Ged a thuirt NHS na Gàidhealtachd gum beachdaich iad air an dreuchd a leudachadh gu dà bhliadhna, seach an aon, cha do shàsaich sin mòran.

Dh'aidich an NHS fhèin nach eil fhios aca mar a bhios cùisean san ùine fhada.

Thuirt iad gur docha gum biodh feum air "modail ùr" airson cùram a thoirt seachad san eilean mura tèid nurs ùr a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo