Rabhadh eòlaiche mu sgìrean MPA

Iasgach

Thàinig rabhadh gu bheil fianais bho air feadh an t-saoghail a' sealltainn nach obraich bacaidhean glèidhteachais idir nuair a tha iad gan cur an sàs an aghaidh toil na coimhearsnachd ionadail.

Thuirt an t-Ollamh Magnus Course bho Oilthigh Dhùn Èideann gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachachadh a-rithist mu mholaidhean airson sgìrean glèidhte mara, neo MPA, a stèidheachadh.

Beachdachaidh Comataidh na h-Àrainneachd aig Holyrood air a' ghnothach a-rithist Diciadain.

Tha an t-Ollamh Magnus Course na àrd-òraidiche ann an daonn-eòlais sòisealta aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Na bheachd-san, bu chòir dhan Riaghaltas a bhith gu math faiceallach a thaobh nam molaidhean airson sgìrean MPA a stèidheachadh air taobh siar na h-Alba.

Thuirt an t-Ollamh Course gu bheil fianais bho air feadh an t-saoghail a' sealltainn gu bheil sgìrean glèidhte èifeachdach nuair a tha iad gan cur an sàs le taic an t-sluaigh.

Ach thuirt e gu bheil fianais ann cuideachd nach tig buannachd idir nuair a tha iad air an sparradh air coimhearsnachdan nach eil gan iarraidh.

A rèir an Ollaimh Course chan eil dad nàdarra mu àrainneachd far an deach daoine a chasg.

Thuirt e gu robh a bhith a' cur bacaidhean àrainneachd air dòigh gun a bhith a' toirt spèis do chultar, cànan, eaconamaidh agus luach sòisealta an iasgaich sna coimhearsnachdan cugallach seo, a' leantainn modail riaghlaidh a tha gu math seann fhasanta.

Dh'iarr e air an Riaghaltas coimhead às ùr ri dòighean gus an àraineachd a dhìon ann an co-bhann ri iasgairean anns na na h-eileanan, 's e ag ràdh gun robh an gnìomhachas seasmhach fad linntean fo na dòighean-obrach a bha iad fhèin a' cleachdadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo