Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crith-thalmhainn

Thuirt na h-ùghdarrasan ann am Pagastan gun deach seachd duine deug, co dhiù, a mharbhadh agus na ficheadan eile a leòn ann an crith-thalmhainn ann an ceann an ear thuath Afganastan. Tha aithrisean ann cuideachd gu bheil bàs ann an Afganastan. Chaidh a' chith thalmhainn fhaireachdain cho fad air falbh ri Delhi, prìomh bhaile nan Innsean.

Creideasan cìse

Thuirt na Libearalaich Dheamocratach gun tèid iad air adhart le oidhirp ann an Taigh nam Morairean an-diugh air cur às gu lèir do phlana an Riaghaltais airson creideasan cise a ghearradh, ged a tha an Riaghaltas ag ràdh gum biodh sin an aghaidh na bunreachd. Tha na Làbaraich a' moladh stad a chuir air na gearraidhean gus an cuir an riaghaltas sgeama taic air dòigh do theaghlaichean agus luchd-obrach air tuarastal iosal air an toireadh na gearraidhean buaidh.

RET

Thàinig sgeama nam faraidhean aiseig RET gu buil air a h-uile seirbheis aiseig air a' chost an iar an-diugh. Bha RET air mòran de na slighean roimhe, ach am measg na tha ga fhaighinn as ùr an-diugh tha an t-seirbheis eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Malaig, Ratharsaigh, Muile agus eadar na h-eileanan leithid Caolas Bharraigh agus na Hearadh.

Imrichean

Ghabh ceannardan dùthcha ann am meadhan na h-Eòrpa agus anns na Balcans ri sgeama a bheir fasgadh do chòrr 's ceud mìle luchd-imrich a tha ag iarraidh dhan Aonadh Eòrpach. Agus chaidh aontachadh aig a' choinneimh anns a' Bhruiseil ceudan de dh'oifigearan poilis a chuir gu ruige na Grèige agus Slobhinia, a chuir smachd air crìochan nan dùthchannan sin.

Seirbheisean adhair

Bha maill air seirbhisean adhair ann an Alba an-diugh le trioblaid aig an t-siostam-iùil ann am Preastabhaig. Thug sin buaidh air seirbhisean air ais 's air adhart ann an Dùn Èideann, Glaschu, Obar Dheathain agus Preastabhaig. Thuirt an t-seirbheis-iùil nàiseanta gun deach an siostam a chàradh agus gu bheil an suidheachadh a' fàs nas fheàrr.

Aillse

Tha Buidheann Shlàinte na Cruinne a' foillseachadh aithisg an-diugh air am bheil cuid de sheòrsachan feòla a' cur ris a' chunnart bho aillse. Tha a' bhuidheann air a bhith a' sgrùdadh am bheil feòl dhearg agus feòl air an deach proiseas a dhèanamh nas buailtiche aillse fhàgail air daoine.