Alba ro mhath an Inbhir Nis

Alba Image copyright Neil G Paterson

Bha là air leth aig sgioba iomain na h-Alba an Inbhir Nis Disathairne is iad a' soirbheachadh 3-15 (24) gu 2-8 (14) an aghaidh nan Èireannach.

Thòisich an là gu math do dh'Alba le sgioba nam ban a' toirt droinneadh air Cill Dara sa mhadainn.

Bha an geama gu ìre mhòir seachad aig lethach slighe is Alba air thoiseach 4-4 (16) gu 0-1 (1).

Thàinig tadhal eile trath san darna leth is cha deach bratach a thogail a-rithist, an geama a' crìochnachadh 5-4 (19) gu 0-1 (1).

'S iad Laura Gallagher (3) is Kirsty Delaney (2) a chuir na tadhail do dh'Alba.

Pronnadh

Cha deach cùisean buileach cho math do dh'Alba ann an geama nam fear aig ìre fo 21.

Fhuair na h-Èireannaich dìoghaltas às dèidh dhaibh call aig an ìre seo an-uiridh is bha iad cruaidh gu leòr air na h-Albannaich òga, na balaich ann an uaine a' buannachadh 5-10 (25) gu 1-3 (6).

Ann an geama mòr nam fear feasgar, ghabh Alba làmh an uachdair às dèidh toiseach-tòiseachaidh nuair nach robh cus eadar na sgiobaidhean.

Bha Alba a' cur cliathaich na pàirce gu feum agus 's ann às a sin a thàinig a' chiad tadhal às dèidh 20 mionaid.

Rinn Caoimhinn Bartlett fìor mhath gus am ball a bhuannachadh agus a sguabadh-steach dhan mheadhan. Chuir Glenn Mac an Tòisich am ball fo smachd, is thionndaich e an uairsin gus a shlaiceadh dhan lìon.

Slaic

Dìreach còig mionaidean às dèidh sin, rinn Alba an dearbh rud a-rithist, Mac an Tòisich an turas seo a' stìuireadh a' bhuill a-steach bhon chliathaich dhan mheadhan far an robh Liam Dòmhnallach, is le slaic air leth chuir esan dhan lìon e.

Ron lethuair, bha tadhal eile aig Alba, Friseal Heath ga chur dhan lìon às dèidh dha na h-Èireannach stad a chur air ball àrd a-steach bho Stefan Dòmhnallach.

Bha Alba air thoiseach 3-13 (22) gu 0-4 aig lethach ùine is ged a rinn na h-Èireannaich adhartas san darna leth agus a' ghaoth air an cùlaibh, cha d'fhuair iad faisg gu leòr.

Chrìochnaich an geama 3-15 (24) gu 2-8 (14) agus Cuach Marine Harvest a' fuireach an Alba.

Bidh na h-Albannaich a-nise misneachail nuair a thèid iad a Pháirc an Chrócaigh an ath-mhìos 'son geama eile an aghaidh sgioba na h-Èireann.