Co-obrachadh ga iarraidh an Earra-Ghàidheal

Dh'iarr Ceannard Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, Dick Walsh, air an SNP gun a bhith a' toirt ionnsaigh air a' chomhairle agus a bhith ag obair còmhla riutha gus fuasgladh fhaighinn air na duilgheadasan ionmhais aca.

Diardaoin, dh'aontaich comhairlichean beachdan a shireadh air planaichean gus na milleanan notaichean a chaomhnadh, ach air chosgais uiread ri 300 cosnadh.

Bha luchd-iomairt an aghaidh ghearraidhean ann am foghlam an làthair taobh a-muigh na coinneimh.

Càineadh

Tha buill phàrlamaid an SNP, leithid Mìcheal Ruiseal, air dubh-chàineadh a dhèanamh air ceannas na comhairle agus air na planaichean aca gus airgead a shàbhaladh.

Na bu tràithe an t-seachdain-sa, mhol Mgr Ruiseal agus am ball aig Westminster, Brendan O'Hara, gum bu chòir dhan ùghdarras na prìomh oifisean aca a reic airson airgead a shàbhaladh.

Bha sin am measg fichead moladh a chur iad air adhart.

Beachdan "nas cruthachaile"

Tha Mgr Ruiseal am beachd gu bheil còir aig a' chomhairle a bhith nas cruthachaile nan obair agus nas fhaisge air an t-sluagh, agus gum biodh e na b' fhearr luchd-obrach na comhairle a sgaoileadh tron sgìre barrachd.

Thuirt e: "'S e togalach aosda a th' ann a tha cosgail a ruith - tha an t-àm ann smaoineachadh air plana radaigeach.

"Tha tòrr àiteachan ann far am faodadh buidhnean nas lugha a bhi a' frithealadh an t-sluaigh - seach a bhith an Cille Mhoire - àite far nach bi ach glè bheag de dhaoine a' dol."