Rabhadh mu fhèidh air na rathaidean

Fiadh Image copyright SNH
Image caption Tha 7,000 tachartas gach bliadhna an Alba far a bheil carbadan a' bualadh ann am fèidh.

Leis na cleocaichean a' dol air ais uair de thìde air an deireadh-sheachdain, thug Dualchas Nàdair na h-Alba rabhadh seachad mun chunnart bho fhèidh air rathaidean na h-Alba.

Bidh na fèidh ag ithe an fheòir aig oir an rathaid nuair a dh'fhàsas i dorcha, agus leis gu bheilear a' call uair de sholas sa Gheamhradh, tha seo tric a' tachairt aig an dearbh àm 's a tha na rathaidean trang - nuair a tha daoine a' dol a dh'obair agus a' tilleadh air ais dhachaigh air an oidhche.

Às dèidh rannsachaidh, tha SNH ag ràdh gu bheil mu 7,000 tachartas ann an Alba gach bliadhna far a bheil carbadan a' bualadh ann am fèidh.

Tubaistean

Anns a' chumantas, tha 65 duine gan goirteachadh gach bliadhna ri linn nan tubaistean seo.

Tha cosgais mhòr cuideachd an lùib a' mhillidh a tha ga dhèanamh air càraichean 's SNH a' cur sin aig mu £7m.

Thuirt Oifigear Fèidh SNH, Sinclair Coghill, gum bu chòir do dhràibhearan gabhail air an socair agus sùil a chumail a-mach 'son fèidh.

Coilltean

"Thoiribh an aire gu h-àraidh faisg air coilltean far am faod iad nochdadh gun fhiosta".

"Ma 's e 's gum buail sibh ann am fiadh feuch gun cuir sibh fios air na Poilis, leis gum faodadh e a bhith air a dhroch ghoirteachadh agus a' fulaing ri linn sin".

Ged a tha mòran a' smaoineachadh gu bheil a' mhòr-chuid de thubaistean le fèidh a' tachairt air a' Ghàidhealtachd, tha 70% de na tubaistean a' tachairt air na rathaidean A agus air na prìomh rathaidean mòra.