Stagecoach gan càineadh

Chaidh a' chompanaidh bhusaichean Stagecoach a chàineadh airson ceithir seirbheisean Citylink eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis a ghearradh.

Thuirt Stagecoach nach eil gu leòr iarrtais ann airson nan seirbheisean.

Ach, the fear de chomhairlichean a' Ghearasdain, Brian Murphy, a' gearain nach do chum iad co-chomhairleachadh mu na planaichean, a thèid a chur an sàs an ath-mhìos.

Bha e ag ràdh gu bheil mòran dhaoine a' cur feum air na seirbheisean, agus gu bheil a h-uile duine ris an robh e a' bruidhinn ag ràdh gu bheil na seirbheisean gu math trang, ged a tha Stagecoach ag ràdh nach eil iarrtas ann.

Thuirt neach-labhairt bho Citylink gun tèid seirbheisean Stagecoach North Scotland a chur an àite dhà dhe na seirbheisean Citylink, agus gun sheall sgrùdadh gun robh còrr air trì suidheachain às gach ceithir falamh sa chumantas air an dà sheirbheis a dh'fhalbhas buileach.