Am Prìomh Mhinistear aig Sabhal Mòr Ostaig

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba ag iarraidh air daoine am beachdan a chur a dh'ionnsaigh an Riaghaltais mu na cumhachdan a bharrachd a bu chòir a bhith aig sgìrean eileanach.

Bha Nicola Sturgeon ann an Slèite san Eilean Sgitheanach Diciadain agus i toirt seachad òraid aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt i gu bheil Bile nan Eilean a' toirt cothrom do choimhearsnachdan eileanach guth nas làidire fhaighinn is barrachd a dhèanamh dhaibh pèin.

Ach tha gu leòr dhen bheachd nach eil am bile a' dol fada gu leòr.

Thuirt an comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal gur ann a tha an Riaghaltas a' deanamh sgaradh eadar coimhearsnachdan eileanach anns a' bhile.

Cuideachd, dh'fhosgail am Prìomh Mhinistear a' chiad earrann de phròiseict na Cille Bige ann an Slèite agus togalach ùr an sin, Ionad Iain Nobail.

A thuilleadh air an sin, dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear £100,000 airson foghlam Gàidhlig ro-sgoile.

Thèid an t-airgead a roinn eadar 41 buidhnean.