Dùbhlan ùr dha Leòdhas is na Hearadh?

Sgioba Leòdhais is na Hearadh Image copyright Eile
Image caption Sgioba Leòdhais is na Hearadh.

Bu chòir dha sgioba ball-coise Leòdhais is na Hearadh meòrachadh a-nise air oidhirp a dhèanamh air Cupa Amateurach na h-Alba, am beachd chathraiche chomann ball-coise na sgìre.

Tha Coinneach MacÌomhair ag ràdh gum feumar a-nise suidhe sìos agus beachdachadh air an ath-cheum dhan sgioba, trì bliadhna às dèidh dhaibh tòiseachadh ann an cupanan air Tìr-Mòr.

Chaill an sgioba 4-2 ri Goillspidh sa chuairt dheireannaich de Chupa Chailleanach a Tuath Disathairne.

An-uiridh, thog iad an dearbh chupa le buaidh an aghaidh Ghoillspidh sa chuairt dheireannaich.

Eadar an dà iomairt sin, chaill iad geama faisg 1-0 ri Inbhir Theòrsa sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa Sheoc MhicAoidh aig toiseach 2015.

Nì na h-Eileanaich oidhirp eile air a' chupa sin aig toiseach 2016, ach mar-thà tha iad air dearbhadh gu bheil iad math gu leòr 'son cluich aig an ìre seo de bhall-coise.

"Sgioba òg"

"S e sgioba òg a bh' againn am-bliadhna agus thàinig oirnn coimhead ri balaich òga 'son a dhol còmhla rinn is thàinig oirnn manaidsear fhaighinn cuideachd", thuirt Coinneach MacÌomhair.

"Nuair a choimheadas tu ris na rinn iad le tighinn ri chèile ann an dìreach mìos, is an uairsin a dhol air adhart agus a' ruighinn na cuairt deireannaich den chopan, rinn iad math dha-rìreabh", thuirt e.

'S e cho math sa rinn an sgioba a tha a' fàgail gu bheilear a-nise a' beachdachadh air an ath-cheum.

"Tha againn ri coimhead air adhart is faicinn càite bheil sinn a' dol. Chan eil ach Disathairne bho chluich sinn sa chuairt dheireannaich is cha robh mòran tìde againn aig an ìre seo 'son coimhead ris", thuirt Mgr MacÌomhair.

"Tha fuasgladh ann coimhead ri Cupa Amateurach na h-Alba, dh'fhaodadh gum biodh sin gu math inntinneach, a' faicinn dè mar a thèid dhuinn nam biodh sinn a' cluich an sin.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Coinneach MacÌomhair.

"Bhiodh dùil againn 's math dh'fhaoidte leigeil às Cupa Sheoc MhicAoidh oir tha ball-coise ionadail gu bhith a' cluich ann an Geamaichean nan Eilean a h-uile dàrna bhliadhna, dh'fheumadh tu coimhead ri sin cuideachd airson dèanamh cinnteach nach robh thu a' milleadh càil a tha iadsan a' feuchainn ri dhèanamh.

"Mar sin, 's math dh'fhaoidte gum biodh e na b' fheàrr coimhead ri leigeil seachad Cupa Sheoc MhicAoidh agus a dhol do Cupa Amateurach na h-Alba.

"Aig an ìre seo chan eil mi ach a' smaoineachadh mu dheidhinn nam inntinn, chan eil mi cinnteach fhathast dè thachras", thuirt e.

Bidh an cupa amateurach nàiseanta a' tòiseachadh san t-Sultuin agus a' chuairt dheireannach ann sa Chèitean.

Am-bliadhna, 'son a' chiad turas, fhuair an sgioba a bhuannaich an cupa, Harestanes, àite ann an Cupa na h-Alba fhèin.

Chaill iad 3-0 ri Girvan sa chiad chuairt.

Tha an leithid sin pìos air falbh fhathast do sgioba Leòdhais ach tha Coinneach MacÌomhair den bheachd gur e targaid reusanta a th' ann an Cupa Amateurach na h-Alba, seach feuchainn air Lìog Chailleannach a Tuath.

"Duilgheadas"

"S e mo bheachd fhèin, is seo mo bheachd bho chionn iomadach bliadhna, 's e faighinn tarsainn air a' Chuan Sgìth an duilgheadas a tha gu bhith againn.

"Bha dùil agam gur dòcha gum biodh fuasgladh air choireigin ann nuair a thàinig an aiseag ùr, nam biodh i a' ruith aig àm a bhiodh freagarrach Disathairne is gum faigheadh tu air ais air aon là, ach cha do thachair sin.

"Tha cosgais mhòr ann a' dol dhan lìog. Mura faigh sinn air ais an aon là, dh'fheumadh tu a bhith a' fuireach an oidhche ann an aiteigin is tha thu a' coimhead ri airgead a-rithist.

"S e dìreach an cnap mhòr a tha air ar beulaibh eadar seo is Ulapul a tha a' dèanamh duilgheas mòr dhuinn a' coimhead ri lìog", thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair cuideachd gu bheil e fhèin gu làidir den bheachd nach eil feum air Lìog Leòdhais is na Hearadh a leudachadh tro mhìosan a' Gheamhraidh.

Thuirt e ge-tà gur e goireas air leth a th' aca air a' Bhac a-nise 'son ball-coise a-staigh is gum biodh cothrom ann lìog le 5 no 7 anns gach sgioba a chur air dòigh an sin, rud a thuirt e a dhèanadh feum mòr cuideachd dha sgioba Leòdhais is na Hearadh is geamaichean aca tron Gheamhradh.