Alba is Èirinn gus farpais aig a' Bhucht

Pàirc a' Bhucht
Image caption Pàirc a' Bhucht.

Tillidh iomain eadar-nàiseanta a dh'Inbhir Nis Disathairne is Alba is Èirinn gus coinneachadh aig Pàirc a' Bhucht.

'S e là trang a bhios ann le geama nam ban aig 10.30m, geama nam fear aig ìre fo 21 aig 11.30m is prìomh gheama nam fear an uairsin aig 2.00f.

Tha boireannaich na h-Alba ag amas air a' gheama aca a bhuannachadh 'son an treas bliadhna ann an sreath is Laura McCafferty na sgiobair a-rithist.

Rinn na h-Albannaich an gnothach air Bail' Ath Cliath an 2013 is air an Dùn an-uiridh.

Am-bliadhna, bidh iad an aghaidh Chill Dara.

Eachdraidh

Rinn balaich na h-Alba aig ìre do 21 eachdraidh an-uiridh nuair a bhuannaich iad ann an Èirinn 'son a' chiad turas.

Tha gu leòr bhon sgioba sin a' tilleadh am-bliadhna is tha àite ann cuideachd do dh'Eòghann Caimbeul bhon Mhanachainn, a rinn glè mhath bho chionn cola-deug ann an Iomain Cholm Cille.

Bidh an Caimbeulach an dòchas an t-eòlas a thog e 'son sgioba na Gàidhlig ann an Dùn nan Gall a chur gu feum aig a' Bhucht Disathairne.

Bhuannaich na h-Albannaich geama mòr nam fear an Inbhir Nis an-uiridh, ged a chaill iad an uairsin an dàrna gheama - agus an t-streath gu lèir - ann an Èirinn.

'S e faochadh a bhios dhaibh nach e sreath a th' ann am-bliadhna.

Annasach

Gu h-annasach, bidh dàrna gheama ann an Èirinn air an ath-mhìos mar phàirt de na tha a' dol son a' gheama Pheil / Aussie Rules eadar Èirinn is Astràilia.

Tha Comann na Camanachd ag ràdh gur e geama fa leth a bhios sin, ge-tà, is a h-uile coltas ann gun till iad gu aona gheama an ath-bhliadhna.

Chan eil dà gheama fa leth a' dèanamh ciall do chuid, ach fiùs aig a sin, 's e faochadh a bhios ann dha gu leòr nach eil aca ri smaointinn mun t-siostam sgòraidh a bhathas a' cleachdadh 'son co-dhùnadh cò bha air glèidheadh thairis air dà gheama.

Dh'ainmich manaidsear na h-Alba, Raghnall Ros, buidheann làidir le dithis a bha bunaiteach ann an soirbheachas Lòbhait ann an Cupa na Camanachd, Stiùbhart Dòmhnallach agus Caoimhinn Bartlett, nam measg.

Fhuair cuid a chluich nan aghaidh is a dh'fhulaing briseadh-dùil an là ud, Ruairidh Dòmhnallach, Calum Millar is Grant Irvine, àite san sguad cuideachd.

Seòid

Còmhla riutha tha seòid mar Phòl MacArtair, Lee Bain is Iain Barr agus feadhainn nas òige leithid Ruairidh Ceannadach is Friseal Heath.

Tha coltas air a' bhuidhinn gu bheil Ros air measgachadh math a chur ri chèile is gu bheil a' bhuidheann aige glè fhaisg air taghadh de na cluicheadaran iomain as fheàrr a th' ann, eu-choltach ri bliadhnaichean eile nuair a dh'fheuch Alba ri feadhainn a thaghadh a bhiodh math, ann am beachd nan coidsichean, an aghaidh cluicheadaran Iománaíocht.

Tha na h-Èireannaich fhèin a-rithist air a' mhòr-chuid den bhuidhinn aca a thaghadh à sgiobaidhean nach eil a' farpais aig an ìre as àirde den spòrs, rud a tha air obrachadh glè mhath dhaibh thar nam beagan bhliadhnaichean a chaidh.

'S àbhaist dhaibh 2 no 3 bhon ìre as àirde a chur ann, is tha leithid Patrick Maher is Patrick Horgan air diofar mòr a dhèanamh dhaibh anns na geamaichean thar nam bliadhnaichean.

Puing

Cha robh coltas buileach cho làidir air sgioba na bliadhna seo an toiseach, ach tha na h-Èireannaich a-nise air Maher a ghairm dhan bhuidhinn, rud a dh'fhaodadh a bhith na bhuannachd dhaibhsan agus na challl do dh'Alba.

'S e am fear eile as cliùtaich sa bhuidhinn am-bliadhna, 's dòcha, Shane Moloney à Gaillimh, a thàinig gu aire an t-sluaigh an Èirinn anns an t-Samhradh nuair a thàinig e far na beingidh gus puing fhaighinn a chuir an sgioba sa chuairt dheireannaich de dh'fharpais na h-Èireann.

A bharrachd airsan, tha gu leòr a tha a' soirbheachadh sa gheama seo roimhe, leithid Eoin Reilly, Eoin Price is Gareth 'Magic' Johnson, a tha a' tilleadh dhan sguad am-bliadhna.

'S e geama car neònach a th' sa gheama eadar-nàiseanta, measgachadh gu follaiseach den dà spòrs, is chan eil e furasta tomhas a dhèanamh cò thig am bàrr.

Tha coltas làidir air buidheann na h-Alba, ge-tà, is misneachd, shaoileadh tu, às dèidh dhaibh buannachadh aig an taigh an-uiridh.

Bidh Raghnall Ross an dòchas gun dèan sin an diofar is gum fuirich an cupa ann an Alba Disathairne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile