Taisbeanadh ChalMac

Iain Dòmhnallach Image copyright CalMac
Image caption Tha Iain Dòmhnallach air a bhith a' cruinneachadh rudan co-cheangailte ri Cal Mac is Dàibhidh Mac a' Bhruthainn airson timcheall air 20 bliadhna.

Tha CalMac ag ràdh gun shoirbhich leis a' chiad samhradh de thaisbeanadh ann an Loch na Madadh de ghothaichean co-cheangailte ri CalMac is Dàibhidh Mac a' Bhruthainn.

Chaidh cead a thoirt do dh'Iain Dòmhnallach, am maighstir puirt ann an Loch na Madadh, gnothaichean a tha e air cruinneachadh thar nam bliadhnaichean a thaisbeanadh.

Am measg na chruinnich e, tha clàran-ama, sanasan, leabhraichean-iùil, litir a chur athair chun an nighinn aige bho stiomar aig Dàibhidh Mac a' Bhruthainn beagan làithean an dèidh dhan Chogadh Mhòr tòiseachadh agus rudan a tha a' buntainn ris a' phàirt a ghabh CalMac ann an iomairt Hornbeam a' Chabhlaich Rìoghail tron Chogadh Fhuar.

Thèid an taisbeanadh a chumail làn-ùine aig Ionad-aiseig Loch na Madadh.