Bann-leathann fìor luath ga leudachadh anns na h-Eileanan Siar

Gheibh uiread ri 4,000 gnothachas agus dachaigh anns na h-Eileanan an Iar bann-leathann fìor luath, a-rèir na buidhne leasachaidh aig tuath.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an co-bhann le BT os cionn pròiseict bann-leathann na sgìre, a tha luach faisg air £4.5m.

Tha seirbheis nas sgiobalta aig Steòrnabhagh agus na bailtean mu thimcheall mu thràth, agus tha inneal fibre optic a-nis deiseil ann am Barabhas.

Ach tha Donaidh Moireasdan bho sgioba dhidsiteach HIE ag aideachadh nach fhaigh a h-uile sgìre a' bhuannachd.

Bha Mgr Moireasdan ag ràdh gur e teicneolas daor a th' ann agus gu bheil e cosgail a chur dhan a h-uile ceàrnaidh.

Ach, thuirt e: "Chan eil sin ag ràdh nach fhaigh na daoine sin seirbheis.

"Tha fibre an sàs ann an Connected Communities a-nis agus air an ath-mhìos, tha dùil aig Hebrides.net gun cur iad seirbheis nas luaithe a-mach gu daoine agus nach bi e cho cosgail.

"Nuair a chì sinn dè cho fada sa ruigeas BT leis an t-seirbheis a tha iad a' cur an sàs an-dràsta, chì sinn an uair sin dè ghabhas a dhèanamh le Connected Communities neo teicneolas sam bith eile a ghabhas a chur an sàs."