CalMac a' cumail taic ris a' Mhòd

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha CalMac air còrr is £25,000 a chomharrachadh airson Mòd na h-ath-bhliadhna

Gheall Caledonian Mac a' Bhriuthainn taic-airgid a chumail ris a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna, fiù 's mura glèidh iad an cùmhnant ùr airson seirbheisean aiseig a' chost an iar.

Aig cuirm fosglaidh a' Mhòid anns an Òban, thuirt Àrd Stiùiriche na companaidh, Màrtainn Dorchester, gu bheil iad air còrr is £25,000 a chomharrachadh airson Mòd na h-ath-bhliadhna gus cothrom a thoirt dhan a' Chomunn Ghàidhealach taic-airgid ùr fhaotainn, ma 's e 's nach iad a gheibh an cùmhnant.

Thuirt an Comunn gur e faochadh mòr a bha sin dhaibh-san.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh