Gearraidhean mòra an Earra-Ghàidheal

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Coinnichidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diardaoin gus beachdachadh air molaidhean gus sàbhalaidhean mòra a dhèanamh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum feum iad suas ri £26m a chaomhnadh eadar seo is 2021.

Chuir iad romhpa £9m a shàbaladh sa bhliadhna ri tighinn.

Co-chomhairle

Tha sreath de mholaidhean 'son gearraidhean a dhèanamh a' dol a-mach gu co-chomhairle.

Nam measg, tha gearradh 20% ann am buidseatan sgoile a dh'fhàgadh gun cailleadh luchd-obrach ann an leabharlannan sgoile agus feadhainn a tha gam fastadh 'son clann a chuideachadh tarsainn an rathaid an dreuchdan.

Tha moladh ann cuideachd taic dhan fheadhainn a tha a' cuideachadh sgoilearan le feumalachdan sònraichte a ghearradh 45%.

Uile gu lèir, thogadh na gearraidhean ceist mu chòrr is 300 dreuchd.

Seirbheisean

Dh'fhaodadh gun dùin 43 taigh-beag poblach san sgìre agus moladh ann cuideachd cur às do sheirbheis nam bhanaichean leabharlann.

Dh'fhaodadh cuideachd nach biodh sgudal ga thogail ach a h-uile trì seachdainnean is nach biodh solais Nollaig na Comhairle ann tuilleadh.

Bidh luchd-iomairt a' togail fianais taobh a-muigh na coinneimh an-diugh is an caothach orra mu phlanaichean na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile