Làrach son ospadal ùr a' Ghearasdain

Ospadal a' Bhelford
Image caption Chosg an làrach ùr £2 millean not.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air làrach aig Blàr Mòr 'sa Ghearasdan a cheannachd airson ospadal ùr a thogail an àite a' Bhelford.

Bha Tesco air an làrach a cheannach bho chionn fhada, ach leis gu bheil iad air a bhith call cus airgid, b'fheudar dhaibh am fearran a chur air a' mhargaidh.

Thèid Comhairle na Gàidhealtachd air adhart le bhith a' ceannach ochd acair airson £2 millean not.

Bidh iad ag obair ann a co-bhann le NHS na Gàidhealtachd, HIE, Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd UHI agus le Riaghaltas na h-Alba,

Taigheadas

Aon uair's gu bheil ionmhas ann airson an ospadal ùr a thogail, bheir NHS na Gàidhealtachd ospadal a' Bhelford dhan a' Chomhairle agus thèid taighean a dhèanamh ann a thèid a reic aig prìs reusanta.

Thuirt Cathraiche Leasachaidh 's Dealbhachaidh na Comhairle, Audrey Nic na Ceardaich gur e naidheachd sònraichte math a bha seo do sgìre Loch Abair.

"Tha e na eiseampleir mhath nuair a tha grunn bhuidhnean ag obair còmhla son a bhith soirbheachail.

Mìcheal Foxley

"Bheir e piseach air an sgìre, le ospadal ùr agus goireasan eile son Colaiste Thaobh Siar na Gàidhealtachd.

Mhol i fear a bha na Fhear Gairm air a' Chomhairle, Mìcheal Foxley ag ràdh gun do rinn esan mòran airson a' phroiseict a thoirt chun na h-ìre-sa.

Thuirt Mgr Foxley, a tha a-nis na bhall air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd, gun robh e math a bhith faicinn an seorsa cò-obrachadh seo, eadar sia buidhnean poblach a' toirt pròiseact coimhearsnachd gu buil.

"Tha mi misneachail gu bheil sinn dol a dh'fhaicinn ospadal ùr agus ionad saidheans ag èirigh mar Pheonix a-mach à làrach far an robh Tesco, aig aon àm a' dol a thogail bùth".