Goireas foghlaim Ghàidhlig an sgoiltean Beurla

Teagasg

Tha coltas ann gum faodadh mòran a bharrachd chloinne ann an sgoiltean Beurla air feadh Alba cothrom fhaighinn air na h-uimhir de Ghàidhlig ionnsachadh.

Chaidh goireas ùr fhoillseachadh Diciadain air a bheil "Go Gaelic" airson tidsearan a chuideachadh le blasad air a' chànan a thoirt dha na clasaichean aca.

Thèid a chleachdadh mar phàirt de phoileasaidh Riaghaltas na h-Alba air a bheil ONE PLUS TWO - sin eòlas a thoirt do chloinn air dà chànan eile a bharrachd air an cànan màthaireil.

'S i a' bhuidheann Stòrlann a thug a-mach "Go Gaelic".

Sruthan

"Tha Go Gaelic a' togail air sruth eile. 'S e sin an sruth luchd-ionnsachaidh anns a' bhun-sgoil, seach an sruth a th' againn airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig far a bheil Gàidhlig ann gu coitcheann anns a' chiad trì bliadhna," thuirt ceannard Stòrlann, Dòmhnall MacGhilleMhoire.

"Le Go Gaelic, 's e beagan Gàidhlig a gheibh iad tron là, agus tha tidearan aig a bheil beagan Gàidhlig iad fhèin comasach air a' chùrsa sin a lìbhrigeadh.

"Saoilidh mi gu bheil cothrom againn an seo àrdachadh mòr mòr mòr a dhèanamh air na h-àireamhan a tha co-dhiù a' faighinn beagan tuigse air a' chànan.

"Agus cò aige a tha fios? 'S dòcha gun tog iad air sin nuair a ghluaiseas iad chun na h-àrd-sgoile.

"Chan eil seo a' dol a dhèanamh luchd-labhairt Gàidhlig den chloinn, ach tha e mar gum biodh a' toirt na cloinne a-steach ann an sruth Gàidhlig.

"Ma leanas iad orra, 's gun glac sinn an ùidh, bidh an cothrom aca an uair sin leantainn orra suas dhan àrd-sgoil, agus gheibh iad an uair sin air na teisteanasan àbhaisteach a dhèanamh mar luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

"Agus tha sinn a' faicinn gu leòr de luchd-ionnsachaidh an uair sin a' dol air adhart gu colaistean is oilthighean, agus an uair sin a' tighinn air ais a shaoghal na Gàidhlig, agus a' leantainn orra a-muigh an sin a' cur taic ris a' Ghàidhlig, ged nach biodh iad mar phàirt den "t-saoghal" idir," thuirt e.