Deireadh Linn' air Bruaichean Loch Fìn

Inbhir Aora is Caol Bhòid Image copyright SNS Group Craig Williamson
Image caption Sealladh a bha ri fhaicinn tric eadar 2001 is 2010, Inbhir Aora a' soirbheachadh ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

Bha là eile aig fear na mònadh a rèir an t-seanfhacail, is gu dearbh bha iomadh là eile aig sgioba Inbhir Aora.

Tha sgioba a' Bhaile Rìoghail ag ràdh soraidh slàn ris a' Phrìomh Lìog às dèidh 14 bliadhna, agus ri cuid de na cluicheadairean a tha air iomadh bonn a chàrnadh ann am buidhe is dubh thairis air an àm sin.

'S ann le dòchas mòr a thàinig an sgioba òg aig Inbhir Aora air ais dhan Phrìomh Lìog ann an 2001. Bha iad air an inbhe a chall bliadhna ron sin, ach chleachd iad bliadhna aig ìre nas ìsle gus tuilleadh den òigridh a chur dhan sgioba, is thill iad le dùil aig mòran gur e seo an sgioba a chuireadh an sgioba iongantach a bh' aig Ceann a' Ghiuthsaich far an spiris.

Tha cuimhne agam fhìn a bhith aig a' chiad gheama eatorra an Earra-Ghàidheal às dèidh dha Inbhir Aora tilleadh dhan Phrìomh Lìog. Leis a' ghrian a' deàrrsadh air an Winterton is sluagh mòr timcheall air a' phàirc, thug balaich òga Inbhir Aora ionnsaigh às dèidh ionnsaigh air gaisgaich Bhàideanach.

Letheach slighe tron dàrna leth fhuair iad am ball dhan lìon, le glaodh cho mòr a' dol suas is gun cluinneadh tu e aig mullach Dhùn na Cuaiche àrd os cionn a' bhaile.

Bha na thachair às dèidh sin na shamhla air iomadh geama eadar Inbhir Aora is Ceann a' Ghiuthsaich anns na bliadhnaichean ri tighinn, le Ceann a' Ghiuthsaich a' cur dà thadhal luath anns na buillean mu dheireadh gus soirbheachadh 2-1.

"Two questions were answered today. Inveraray are back, and write Kingussie off at your peril". Sin a bha aig Uisdean MacIllinnein ri ràdh air an rèidio an oidhche ud, is mar a bu dual dha, bha Uisdean ceart.

Choinnich na sgiobaidhean a-rithist deireadh an t-seusain sin fhèin sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd, is Inbhir Aora air ais sa gheama mhòr 'son a' chiad turais bho 1967.

Chuir iad tadhal taobh a-staigh mionaid is bha iad air thoiseach 2-1 aig letheach ùine, ach bha Raghnall Ros gu sònraichte ro mhath, is shoirbhich Ceann a' Ghiuthsaich 3-2.

Image copyright Sunday Post
Image caption 2004 agus Cupa na Camanachd a' dol a dh'Inbhir Aora.

Bha Inbhir Aora air ais ceart gu leòr, ach cha robh linn Chinn a' Ghiuthsaich buileach seachad.

Cha robh sgioba Bhàideanach sa chuairt dheireannaich an 2004 nuair a rinn Inbhir Aora eachdraidh le Cupa na Camanachd a bhuannachadh 'son a' chiad turais bho 1930.

B' e Eòghann MacMhurchaidh a fhuair an tadhal cudromach an aghaidh a' Ghearasdain an là sin gus pàrtaidh a mhair mìosan a thòiseachadh an Inbhir Aora.

Bha e iomchaidh, 's dòcha, gun tàinig an cupa air ais dhan Bhaile Rìoghail 25 bliadhna às dèidh dhan chluba a dhol nan stad ann an 1979 air sgàth dìth chluicheadairean.

Cha robh gu leòr aca 'son sgioba a chur a-mach ach rinn iad oidhirp mhòr leis an òigridh is abair gum faca iad toradh na h-obrach sin an là ud san Òban; sgioba òg, tàlantach, luath a' cosnadh àite ri taobh nan laoch a bhuannaich an cupa dhan bhaile an 1925, 1926 is 1930.

Cha b' e sin a-mhàin a bhuannaich sgioba ùr Inbhir Aora. Aig deas bha grèim a' bhàis cha-mhòr aca air Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu, ga thogail naoi tursan eadar 2001 is 2010.

Nuair a rinn iad a' chùis air Taigh an Uillt ann an 2012, rinn na bràithrean Mhic a' Phearsain, Graeme is Garry, eachdraidh le 13 buinn aca le chèile san fharpais.

Cha do rinn an sgioba buileach dona ann an Cupa MhicAmhlaidh nas motha, ga bhuannachadh 'son a' chiad turais ann an 2001 agus ga ghlèidheadh a-rithist an 2008 is 2009.

Tha fios gun robh 2009 gu sònraichte tlachdmhor dhaibh is iad a' dèanamh a' ghnothaich air Ceann a' Ghiuthsaich 4-3, an aon turas a ghabh iad làmh an uachdair orra ann an geama mòr chupa thar nam bliadhnaichean.

Image copyright SNS Group Bill Murray
Image caption Inbhir Aora is an Gearasdan sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd an 2007.

Bha dà oidhirp eile aca air a' chupa mhòr cuideachd. Sa 100mh cuairt dheireannaich an 2007, chosg Inbhir Aora cha-mhòr an dàrna leth air fad a' slaiceadh air tadhal a' Ghearasdain.

Le deich mionaidean ri dhol, thàinig an tadhal aca mu dheireadh thall is a h-uile coltas ann gun robh an cupa a' dol gu Loch Fìn a-rithist.

Nochd an uair sin dithis de ghaisgich a' Ghearasdain, Bhictor Mac a' Ghobhainn is Seumas Clark, gus an geama a thionndadh air a cheann.

'S ann gu Loch Abar a chaidh an cupa air a' cheann thall.

Bha 2012 na bu mhiosa buileach do dh'Inbhir Aora sa chiad chuairt dheireannaich a-riamh eadar iad fhèin is na seann nàbaidheadhan aca, Caol Bhòid.

Ann an geama iongantach, bha Inbhir Aora air thoiseach 4-2 is 5-3 ach bha neart a bharrachd ann an casan òga Thaigh na Bruaich, is fear-aghaidh ann an Ruairidh Dòmhnallach a bha aig fìor àrd-ìre air an là.

Chuir an Dòmhnallach tadhail àlainn, ceithir dhiubh, is chrìochnaich an geama 6-5 agus Caol Bhòid a' dèanamh ghàirdeachais.

B' e deireadh linne a bha sin gu ìre dha Inbhir Aora le cuid a' sguir a chluich is feadhainn bho na sgiobaidhean òigridh a' tighinn air adhart.

Ràinig iad na cuairtean mu dheireadh de ghrunn chupanan bho 2012, cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh is iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd am-bliadhna fhèin nam measg, ach bha a' bhuidheann a' sìor fhàs tana is cha d' fhuair iad an sgioba as làidir air a' phàirc anns na geamaichean mòra air an t-Samhradh seo, no anns na geamaichean lìge cudromach às an dèidh.

'S ann gu ìre mhòir gun strì a chaidh iad sìos bhon Phrìomh Lìog air a' cheann thall, le dìreach 2 gheama lìge a bhuannachadh fad an t-seusain thuige seo.

Image copyright SNS Group Craig Williamson
Image caption Bhuannaich na bràithrean Mhic a' Phearsain Cupa Ceilteach Ghlaschu 13 tursan le chèile.

Dh'innis Graeme Mac a' Phearsain às dèidh cuairt deireannaich Chupa MhicAmhlaidh nach cluicheadh e a-rithist, a' toirt gu ceann cha-mhòr 30 bliadhna aig 'Toad' eadar na puist.

Tha teansa nach fhaic sinn mòran a bharrachd de a bhràthair Garry nas motha, fear aghaidh cho sgileil 's a bha ann iomain anns an 20 bliadhna a chaidh seachad.

Call mòr, is le ùine cuideachd a' ruith air grunnan eile de na seòid, tha coltas ann gur e sgioba diofraichte a bhios aig Inbhir Aora an ath-sheusan.

'S e mearachd a bhiodh ann coimhead ris a' chùis air fad ge-tà, mar iomradh-bàis.

B' e seo an sgioba a b' fheàrr a thàinig à Inbhir Aora bho na 1920an is b' e sgioba a bh' ann a thog duaisean gu leòr is a chluich iomain a chòrd gu mòr ri luchd-leantainn na spòrs.

Chan ann gun dòchas a tha an cluba mu na làithean a tha romhpa nas motha, chan e 1979 a tha seo idir.

Bidh call nan seòd ga fhaireachdainn gu cinnteach, ach tha bunait aca de chluicheadairean le eòlas math nach do ràining 30 fhathast, leithid Ailean Dòmhnallach, Nicholas is Chris Crawford, Ally Rothach is Iain Ceannadach.

Tha feadhainn nas òige buileach, leithid Friseal is Lewis MacNeacail is Ali Dòmhnallach, a tha mar-thà stèidhichte san sgioba.

Chaidh cuideachd Cupa MhicUisdein, farpais a' Chinn a Deas fo 17, a bhuannachadh san dà bhliadhna mu dheireadh is tha cuid bho na sgiobaidhean sin, mar Scott MacLachlainn is Friseal Watt, air blasad fhaighinn air a' chiad sgioba anns na seachdainnean mu dheireadh.

'S e an deuchainn a bhios ann dha Inbhir Aora a-nise na balaich òga a thoirt troimhe is measgachadh de na ginealaichean a lorg a chuireas iad air ais gu h-àrd-ìre aon uair eile.