Binn air èigniche

Seumas Inglis Image copyright CIARAN DONNELLY
Image caption Chaidh Seumas Inglis a dhiteadh an dèidh cùis a mhair seachdain aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.

Chaidh naoi bliadhna prìosain air fireannach a dh'èignich boireannach 's a thug ionnsaigh dhrabasta air dithis eile aig tuath.

Fhuaireadh Seumas Inglis, 34, ciontach le diùraidh san Àrd-Chùirt de na h-ionnsaighean ann an Steòrnabhagh agus sa Mhanachainn ann an 2012.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann mar a dh'èignich Seumas Inglis a' chiad bhoireannach, a bha 22 aig an àm, aig taigh anns a' Mhanachainn ann an Siorrachd Rois sa Mhàrt 2012.

B' ann an taigh an Steòrnabhagh a thachair an ionnsaigh air an dàrna boireannach, nuair a ghreimich e air a h-amhaich, 's a mhaoigh e oirre le sgithinn.

San Dùbhlachd air an dearbh bhliadhna, thug e ionnsaigh cuideachd air boireannach, 27, ann an Steòrnabhagh.

Chaidh innse don Chùirt gun robh e air tè dhiubh a dhochann cho dona 's gun robh i ann an cunnart a beatha.

Bha Inglis air a dhol às àicheadh nan casaidean, ach fhuair diùraidh ciontach e an dèidh cùis a mhair seachdain.

Chuir am britheamh, am Morair Pentland, binn naoi bliadhna sa phrìosan air, le trì bliadhna an dèidh sin fo aire oifigeil.

Chaidh ainm cuideachd a chur air clàr nan drabastairean airson a' chòrr de a bheatha.