Seirbheisean adhair eileanach fo smachd an Riaghaltais?

Phort-adhair Bheinn nam Fadhla
Image caption Thàinig lùghdachadh air seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan Siar ann an 2013

Tha ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh gu bheil seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan Siar cho dona agus gum bu chòir beachdachadh air dleastanas air an son a thoirt air ais bho Chomhairle nan Eilean Siar agus a chur ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt e gur ann a' dol air ais a tha ceanglaichean adhair eadar na h-Eileanan, aig an dearbh àm 's a tha piseach a' tighinn air seirbheisean còmhdhail eile.

Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh gun tòisich seirbheis aiseig a' ruith gach là eadar Loch Baghasdail agus Malaig as t-Samhradh an ath-bhliadhna - às dèidh iomairt fhada le muinntir Uibhist.

"A' dol air ais"

Sgrìobh Mgr MacNèill gu Àrd-Oifigear agus Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar a dh'fhaighneachd dè tha iad a' dol a dhèanamh airson piseach a thoirt air seirbheisean còmhdhail poblach eadar Uibhist a Tuath agus Barraigh, às dèidh mar a chaidh cur às de ghrunn sheirbheisean adhair a bha a' ceangal nan Eileanan ri chèile.

Ann an 2013, gheàrr Comhairle nan Eilean Siar seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh bho chòig là san t-seachdain gu trì, agus chaidh cur às dhan t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla agus Barraigh buileach glan.

Tha Mgr MacNèill a' gearain nach eil busaichean gan cur air dòigh airson coinneachadh ris na plèanaichean agus aiseagan - a' fàgail gum feum cuid de luchd-siubhail tacsaidhean a chleachdadh.

Tha esan a' dèanamh dheth gu bheil muinntir nan Eilean coma an e a' Chomhairle neo an Riaghaltas a tha a' ruith nan seirbheisean còmhdhail aca cho fad 's gum freagair iad air na feumalachdan aca.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil a' choimhearsnachd a' faicinn na buannachd a th' air a bhith ann tro na cumhachdan a th' aig Riaghaltas na h-Alba - tha na h-aiseagan gu math nas fheàrr agus tha na h-itealain gu math nas fheàrr far a bheil smachd aca air a sin", thuirt e.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil a' mhòr-chuid de bhuidhnean sna h-Eileanan Siar ag iomairt airson gum bi barrachd ghnothaich aig a' Chomhairle ann a bhith a' ruith sheirbheisean, seach stiùir a thoirt seachad do Dhùn Èideann.

"Tha e neònach BP Eileanach fhaicinn ag iarraidh gun caill coimhearsnachdan Eileanach cumhachd.

"Bha na gearraidhean a rinn a' Chomhairle air seirbheisean adhair nam freagairt air co-chomhairle le muinntir nan Eilean air buidseat na Comhairle.

"Cha deach cuideam a chur air seirbheisean adhair eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla ann an coinneimh co-chomhairle ann am Barraigh.

"Bha iarrtas ann ge-tà, air tuilleadh sheirbheisean eadar Barraigh is Glaschu, dhan tug a' choimhearsnachd prìomhachas, agus mar Chomhairle thug sinne taic agus maoineachadh dha sin.

"Nochd daoine barrachd dragh mu ghearraidhean sam bith air seirbheisean còmhdhail coimhearsnachd seach air an t-seirebhis adhair còig là eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh, ged a tha a' Chomhairle, tro bhith ag obair le Seirbheis na Slàinte, air feuchainn ris an t-seirbheis seo a ghlèidheadh. Cha ghabhadh sin dèanamh.

"Tha a' Chomhairle ge-tà, fhathast a' coimhead ri mar a ghabhadh seirbheis còig là cur an gnìomh.

"Bha a' Chomhairle gu mòr an sàs ann a bhith a' coiteachadh airson nan leasachaidhean air seirbheisean aiseig a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid.

"'S fhiach cuimhneachadh cuideachd gun do dh'fhaighnich a' Chomhairle aig aon àm an robh Riaghaltas na h-Alba deònach seirbheisean adhair a ghabhail os làimh fo Òrdugh Seirbheis Phoblaich. Cha robh iad deònach."

Tuilleadh air an sgeulachd seo