Cead do thaigh-ghrùdaidh
- Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh do thaigh-grùdaidh ann am baile Inbhir Nis.
Bhòt buill de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas 11-3 airson cead a thoirt seachad.
San Damhair an-uiridh, dhiùlt iad cead a thoirt dhan phròiseact aig Taigh-Òsta a' Ghlinne Mhòir ri taobh na h-aibhne.
Bha Seonaidh agus Victoria Erasmus, leis a bheil an taigh-òsta, airson taigh-grùdaidh le talla agus taigh-bìdhe na chois a thogail.
Bha comhairlichean den bheachd ge-tà, gun robh e fada cus ro mhòr airson a' cheàrnaidh sin den bhaile.
Dh'ullaich iad planaichean ùra, a chuir iad chun na Comhairle, airson taigh-ghrùdaidh nas bige.
Mhol oifigich na Comhairle cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact fo na planaichean ùra sin.
Thuirt Mandaisdear dealbhachaidh na sgìre, Jim Harbison, gun cuireadh e gu mòr ri eaconamaidh a' bhaile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 Am Màrt 2015