Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

MacIlleMhìcheil

Thèid tagradh laghail air adhart an aghaidh taghadh Alasdair MhicIlleMhìcheil, Ball Arcaibh is Shealtainn ann an Westminster. Thog ceathrar de luchd-bhòtaidh na sgìre an tagradh 's iad ag ràdh gun do mheall Mgr MacIlleMhìcheil an sluagh co-cheangailte ri memo a thuirt gum b' fheàrr le ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, Dàibhidh Camshron fhaicinn mar Phrìomhaire, seach duine eile. Cha do ghabh britheamhan aig cùirt shònraichte ann an Dùn Èideann ri argamaid fhir-lagha Mhgr MhicIlleMhìcheil gum bu chòir cur às dhan chùis.

Murt

Thuit an àireamh de chùisean muirt an Alba dhan ìre as lugha bho thòisich clàran oifigeil. Chaidh 59 marbhadh a thoirt gu aire nam Poileas air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt - aonan nas lugha na bh' ann air a' bhliadhna rona sin. Tha na figearan ag ràdh gur ann anns an dachaigh a bha a' mhòr-chuid de na cùisean, agus gum b' aithne dhan duine a rinn am marbhadh an duine a dh'fhulaing.

T in the Park

Chaidh Rùnaire a' Chultair, Fiona Hyslop, mu choinneimh comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba a mhìneachadh carson a thug Riaghaltas na h-Alba £150,000 de thaic-airgid dhan fhèis chiùil T in the Park. Thuirt Ms Hyslop gun robh an taic-airgid iomchaidh, follaiseach, agus a rèir an t-seòrsa taic a tha tachartasan eile a' faighinn.

Corbyn

Tha làn-dùil gun can Jeremy Corbyn an-diugh gu bheil gràdh aige air a dhùthaich 's e a' toirt a chiad òraid mar cheannard do cho-labhairt nan Làbarach ann am Brighton. Tha e ag amas air freagairt a thoirt dhan chàineadh airson nach do ghabh e pàirt ann an seinn na laoidh nàiseanta aig seirbheis chuimhneachaidh ann an Cathair-Eaglais an Naoimh Pòl aig toiseach na mìosa.

Siria

Thuirt an Ceann-Suidhe Putin gu bheil an Ruis deònach ma dh'fheumas iad ionnsaigh le itealain cogaidh a thoirt air feadh na Stàite Ioslamaich ann an Siria. Tha an Ceann-Suidhe Putin air a bhith a' deasbad cogadh Shiria còmhla ris a' Cheann-Suidhe Obama aig còmhraidhean ann an New York.

Ratharsair

Tha tuilleadh dragh ann an Ratharsair mu sheirbheis slàinte an eilein an dèidh do NHS na Gàidhealtachd innse dhaibh an-dè gum bi iad mìos eile - a' cheathramh mhìos ann an sreath - gun chùram meidigeach air an oidhche. Tha e air faileachadh air an NHS dà dhreuchd nurs a lìonadh, agus chaidh aontachadh coinneamh eile a chumail air a' chùis ann an Ratharsair air an ath-mhìos.