Corp ga lorg an Loch Aillse

Anndra Gòrdan Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Anndra Gòrdan a-mach a shnàmh madainn na Sàbaid.

Lorg luchd-teasairginn a bha a' sireadh fear-snàimh a bh' air a dhol a dhìth faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich madainn na Sàbaid, corp.

Cha deach aithneachadh gu foirmeil fhathast, ach chaidh innse do theaghlach Anndra Ghòrdain, 54, à Lodainn an Ear.

Lorgadh an corp ann an Earbarsaig, mu 12:00f Diardaoin.

Chaidh an t-aodach fhaighinn tràth anns an iomairt gus a lorg.

Bha an RNLI, na Maoir-Chladaich, a' Chrois Dhearg agus sgiobannan poilis air a bhith a' coimhead air a shon.