Thèid iarraidh air comhairlichean cead a thoirt do thaigh-grùdaidh an Inbhir Nis

Visualisation of proposed brewery Image copyright Handout
Image caption Beachd air cò ris a dh'fhaodadh an taigh-grùdaidh a bhith coltach.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd cead a thoirt do phlana ùr airson taigh-grùdaidh bhig an Inbhir Nis.

Chaidh cead a dhiùltadh dhan fheadhainn leis a bheil Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir, a tha ri taobh Abhainn Nis, an-uiridh.

Bha meud an leasachaidh is rudan eile, leithid parcadh, a' dèanamh dragh do chomhairlichean.

Ach, thèid iarraidh orra cead a thoirt do phlana ùr an t-seachdain seo tighinn, is oifigearan dealbhachaidh toilichte leis.

Tha an fheadhainn leis a bheil an taigh-òsta den bheachd gu bheil am plana ùr air dèiligeadh ris na nithean a bha a' dèanamh dragh do chomhairlichean an-uiridh.