Malaig gu Loch Baghasdail gach là

Aiseag
Image caption Tha leudachadh san amharc air cuid de shlighean bho 2016.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh seirbheisean aiseig gach là den t-seachdain eadar Malaig is Loch Baghasdail agus an t-Òban is Barraigh bho Shamhradh 2016.

Bhiodh na seirbheisean nam pàirt de chlàr-ama ùr a tha san amharc 'son aiseagan a' chost an iar.

Bhiodh bàta fa leth ann 'son gach seirbheis le seòlaidhean air ais is air adhart gach là.

Iomairt

'S fhada bho thòisich iomairt 'son seirbheis chunbhalaich eadar Malaig is Loch Baghasdail, is cha robh luchd-iomairt air an dòigh le sgeama pìleat a sheòl dà là san t-seachdain tro mhìosan a' Gheamhraidh.

Thig leudachadh cuideachd air grunn slighean eile.

Thuirt Ministear na Còmhdail is nan Eilean, Derek MacAoidh, gum bi 30% de dh'àitean a bharrachd ann air seirbheisean gu Colla, Tiriodh is Colbhasa.

Bidh cuideachd, thuirt e, 10% a bharrachd sheòlaidhean air an t-slighe eadar Malaig is Armadail.

Soitheachan

Gheall e 50 seòladh a bharrachd gach seachdain eadar an t-Òban is Creag an Iubhair, le soitheachan eile air an t-slighe cho math ris an MV Isle of Mull.

Bidh na seirbheisean a bharrachd ann is dùil gum bi an t-slighe nas trainge ri linn RET.

Thuirt Drew Collier bho Chal Mac gun robh iad air na h-atharraichean a dhèanamh às dèidh dhaibh èisteachd ris an luchd-cleachdaidh, is gun tèid co-chomhairle eile a dhèanamh anns na mìosan ri tighinn.

"Fìor dheagh naidheachd"

Tha an comhairliche Uibhisteach, Raghnall MacFhionnghain, am measg na chuir fàilte air an t-seirbheis ùr eadar Malaig is Loch Baghasdail.

Tha Mgr MacFhionnghain air iomadh bliadhna a chur seachad a' strì 'son na seirbheis.

Thuirt e, ged nach eil ann aig an ìre seo ach seirbheis shamhraidh, gun seall e an t-iarrtas a th' ann.

"Canaidh mi gur e deagh naidheachd a th' ann, fìor dheagh naidheachd", thuirt Mgr MacFhionnghain.

"Tha cuimhne agam a bhith ann an Dùn Èideann ann an 2000 is thuirt am ministear nach tachradh e gu 2005 agus tha sinn a-niste far a bheil sinn an-dràsta, ach tha sinn toilichte gun do thachair e agus feumaidh mi taing a thoirt dhan mhinistear gu bheil e air seo a phutadh air aghaidh, feumaidh gun robh e ag èisteachd ris na gearainean a bh' againn an seo. Nuair a gheibh sinn e, chì e gun obraich e.

"Bidh muinntir Uibhist, bidh a h-uile duine a th' ann gu math toilichte leis an naidheachd a tha seo", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile