Luchd-baidhsagail Inbhir Nis gan dìon

Neach-baidhsagail Image copyright Thinkstock
Image caption Tha luchd-baidhsagail an Inbhir Nis 'son bruidhinn ris na h-ùghdarrasan a thaobh rabhadh mu bhaidhsagaileachd air cabhsairean.

Tha buidheann de luchd-baidhsagail ann an Inbhir Nis air coinneamh iarraidh le Poileas Alba is Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh rabhadh gun tèid càin orra ma tha iad air baidhsagal air cabhsair.

Dh'innis na Poilis an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad air grunn ghearainnean fhaighinn mu luchd-baidhseagail a bhith a' siubhail air slighean-coise ann am meadhan a' bhaile.

Ged a tha e an aghaidh an lagha a bhith a' cleachdadh baidhseagail air slighean-coise, tha na Poilis tric air roghnachadh gun cùis mhòr a dhèanamh dheth.

Thuirt na Poilis gu bheil iad a' tuigsinn gur dòcha nach eil cuid de luchd-baidhseagail cofhurtail air rathaidean trang, ach gum bu chòir dhaibh seachnadh a bhith ri rothaireachd air cabhsairean agus slighean-coise eile.

Càin

Thuirt iad ge-tà, gur e eucoir a th' ann is gum faodadh iad càin a chur air daoine air baidhseagail air slighean coise.

Tha sin air iomagain a chur air a' bhuidhinn Iomairt Baidhsagaileachd na Gàidhealtachd ge-tà.

Thuirt iad gu bheil cabhsairean ann an Inbhir Nis a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagail ach nach eil e air a dhèanamh follaiseach càite bheil iad a' tòiseachadh agus a' stad.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad airson coinneachadh ri Poileas Alba is Comhairle na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile