Dìon ga iarraidh dhan Ghleann Mhòr

Loch Nis Image copyright Sarah McGuire / Geograph
Image caption Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid bòidhchead Loch Nis is a' Ghlinne Mhòir a sgrios.

Beachdaichidh Buill-Phàrlamaid Albannach Dimàirt air ath-chuinge a tha ag iarraidh gun tèid barrachd dìon a chur air a' Ghleann Mhòr.

A rèir na buidhne iomairt, Caraidean a' Ghlinne Mhòir, a chuir an ath-chuinge air dòigh, tha planaichean aig diofar luchd-leasachaidh 'son 500 crann-gaoithe a bharrachd a thogail san sgìre.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gum bu chòir stad a chur air na planaichean sin agus inbhe shònraichte iarraidh dhan Ghleann gus an tèid dìon a chur air anns na bliadhnaichean ri tighinn.

San ath-chuinge aca, tha an luchd-iomairt ag ràdh gu bheil "ùine a' sìor-ruith a-mach gus bòidhchead shònraichte na sgìre a shàbhaladh dhan rìoghachd".

Fhuair an ath-chuinge taic bho chòrr is 3,000 duine.

Inbhe

Dh'iarr an luchd-iomairt gun stèidhich Riaghaltas na h-Alba an Gleann Mòr is Loch Nis mar Sgìre Bhòidhchead Nàiseanta agus gun iarr iad inbhe Làrach Dualchais na Cruinne bho UNESCO dhan sgìre cuideachd.

San fhreagairt aca dhan ath-chuinge ge-tà, thuirt SNH nach robh coltas ann gun rachadh an sgìre a chur air adhart mar Sgìre Bhòidhchead Nàiseanta.

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais cuideachd gu bheil iad den bheachd nach biodh tagradh 'son inbhe Làrach Dualchais na Cruinne "ro làidir".

Thuirt SNH gum biodh e na b' fheàrr coimhead às ùr ris a' phròiseas dhealbhachaidh.

Nì Comataidh nan Ath-chuingean Poblach co-dhùnadh Dimàirt dè nì iad leis an ath-chuinge.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile