Duine a dhìth faisg air Drochaid an Eilein

Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Chaidh Anndra Gòrdan fhaicinn mu dheireadh is e a' falbh gus snàmh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Tha iomairt a' leantainn gus duine a tha a dhìth ann an sgìre Loch Aillse a lorg.

Chan fhacas Anndra Gòrdan, 54, à Lodainn an Ear bho mu 08:45 madainn Didòmhnaich nuair a chaidh e a shnàmh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Chuir teaghlach Mhgr Ghòrdain fios air na seirbheisean-èiginn mu mheadhan-là leis nach robh e air tilleadh.

Bha heileacoptair nam maor-cladaich, trì sgiobaidhean maoir-chladaich ionadail, bàtaichean-teasairginn bhon Chaol agus Port Rìgh agus muinntir na sgìre uile an sàs san iomairt gus lorg fhaighinn air Didòmhnaich.

Tha dùil gun tèid sgioba de dhaibhearan a thoirt a-steach dhan iomairt Diluain.

Thuirt na Poilis gu bheil Mgr Gòrdan 6 troighean de dh'àirde, gu bheil e tapaidh, le gruag dhonn ghoirid agus feusag.

Bha briogais airm is geansaidh 'Guns & Roses' air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Bu chòir duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur air Poileas Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile