An Sealladh bho Hèabhal

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chuir a' mhòr-chuid anns na h-Eileanan an Iar an aghaidh neo-eisimeileachd, ach bha taic làidir anns na h-Eileanan mu Dheas air a son.

Seasaidh Naomh Bàrr air eilean beag air beulaibh na h-eaglaise don toir e ainm. Anns na seann làithean, a rèir coltais b'àbhaist do na daoine còta anairt a chur air, gach bliadhna, air latha na fèille. Ach nuair a rinn mise tadhal air, b' e lèine dhubh is dhearg Bharraigh a bha air an ìomhaigh agus na gillean air a' chùis a dhèanamh anns an lìog buill-choise. Anns gach dealbh dhen naomh tha bachall na h-Easpaig na làimh, ach an seo tha e ga chumail thar a chinn mar gur e caman a bha ann agus e ag ullachadh airson na buille. A rèir a' Chanain Aonghais, a bha na shagart air an eilean le bliadhnaichean fada, is e Èireannach a bha ann am Bàrr, a dh'fhosgail dorsan flaitheanais airson muinntir Bharraigh. Bha mi fortanach facal fhaighinn leis a' Chanan mus b'fheudar dha falbh gus càrr ùr a bheannachadh a bha an impis falbh airson Ghlaschu.

Air mo chiad chuairt don eilean, chuir rudan mar sin Èirinn Ghaidhealach nam chuimhne, àite air a bheil mise fada nas eòlaiche. Ann an Gàidhlig Ulaidh mo sheanmhair, bu chiall don fhacal 'Albannach' ach 'Prostanach', leis gur ann à Alba a thàinig a' chuid as motha dhe na teaghlaichean Pròstanach. Anns an t-seagh sin, agus air iomadh dòigh eile, tha Barraigh eadar-dhealaichte.

Do chuideigin bho thaobh a-muigh, cha robh sin na bu shoilleire na air Hèabhal, ged a bha na meanbhchuileagan nan sgleò nuair a streap sinne an cnoc leis a' chamara, mo bhrògan a' fàs fliuch agus iad na b'iomchaidh do shràidean a' bhaile mhòir. Ach a dh'aindeoin a' phoill agus nam biastagan, abair gun d'fhuair sinn luach às an oidhirp. Aig a' mhullach tha am pàiste Chrìost a' coimhead a-mach air a' Bhàgh bho ghàirdeanan a Mhàthair. Tha sùilean Muire air a' Bhalach Bheag fhèin.

B'urrainn dhuinne an Caisteal fhaicinn, agus an caladh, far am biodh daoine mun am seo an-uiridh ag ullachadh airson nam bogsaichean-baileit a chur air a' bhàta anns an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Aig an àm, bha cùisean a' coimhead cho faisg is gum faodadh na bogsaichean Barrach an diofar a dhèanamh eadar 'bu chòir' agus 'cha bu chòir' anns an dùthaich. Aig a' cheann-thall, bha an toradh soilleir gu leòr. Ach bliadhna on uair sin, tha an sgleò air tuiteam a-rithist.

Cha b' e Naomh Bàrr a-mhàin a bha a' dèanamh gàirdeachais leis an sgiopa buill-coise. Air a' mhadainn nuair an làindig an t-itealan beag air an tràigh mhòir, bha cinn goirt agus aithreachas gu leòr. Anns an fharpais eadar an dà sgiopa phoileataigich an-uiridh b' iad luchd an Aonaidh a rinn a' chùis anns na h-Eileanan Siar. Ach tha aithreachas air cuid de dhaoine fhathast. Bha taic airson neo-eisimeileachd làidir ann am Barraigh agus is coltach gu bheil fhathast.

Chaidh sinn gu Sgaileagaraidh gus facal fhaighinn air Uilleam. Gus faothachadh fhaighinn bho na meabhchuileagan chaidh sinn a-steach don t-seada far an dèan e modalan de shoitheachan mòra a-mach à fibreglass. Cuiridh e mìosan seachad air gach tè dhiubh, ga peantadh agus ga sandadh gus am bi i deiseil airson a reic air feadh an t-saoghail gu àiteachan cho fada as ris an t-Suain, fiù 's na Philipines.

Thug an dithis againn gu cuimhne bliadhna aig an taigh nach robh idir rèidh.

"Cha robh fhios agam dè bha dol a thachairt," their e. "Bha fhios agam nach robh dol a bhith sabaid no sgàth mar sin ann. Ach thàinig a h-uile duine chun aon inntinn, gum bitheadh, dè tha sinn dol a dhèanamh?"

"Thàinig mise seachad air dhà no trì, chan e tòrr idir ach dhà no trì, tha iad a' ceasnachadh, dè rinn iad, agus gun d'rinn iad an rud ceàrr."

Seallaidh Uilleam dhomh na planaichean a tha aige airson diofar seòrsa bhàtaichean. Chan eil esan a-measg nan daoine a tha ag ullachadh airson referendum eile a dh'aithghearr.

"Chuir sinn an t-ainm air a' phàipear, sin an rud a tha sinn a' dol a dhèanamh. Chan fhaod sinn a' falbh a-màireach no an ath-bhliadhna airson bhòt. Feumaidh rudeigin tachairt agus an uair sin ann an còig no deich bliadhna feuchainn a-rithist gun sgath a' tachairt. Ach an-dràsta, ann an dà no trì bliadhna chan fhaod. Bhiodh e ceàrr."

Air mullach Hèabhal tha reul an làimh Chrìost. An uiridh bha ar dùthaich nar làmhan fhèin. An-diugh, tha cothrom againn stad le ar sùilean agus air cuimhne air na làithean eachdraidheal ud.

Bliadhna on bhòt, tha sùilean na h-Alba fhathast air fàire.