Cearcailean Ghlaschu

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ged a chuir a' mhor-chuid de dh'Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd, bhòt am baile as motha anns an dùthaich air a son.

Gabhaidh cuid de bhailtean a shealtainn le aon dealbh. Ann am Paris, 's e an Tùr, tha eaglais an Sagrada Familia aig Barcelona agus aithnichear Dùn Èideann bhon Chaisteal. Ach tha e doirbh do luchd-camara Glaschu a ghlachadh. Tha na mòr-rathaidean, am measgachadh de thoglaichean sean is ùra ri taobh a chèile, agus Abhainn Chluaidh fhèin a' fàgail nach eil aon àite far am faighear dealbh dhen bhaile air fad. Rinn an nobhailiche agus dealbhadair Alasdair Gray a dhìcheal le mural aig stèisean Subway Ceann a' Chnuic. Ach 's e dealbh breugach a tha ann, a bheir diofar sheallaidhean còmhla air dòigh Phicasso gus mapa dhen bhaile a chruthachadh. Tha mapa breugach eile anns an stèisean a' sealltainn slighe nan trèanaichean fo-thalamh air feadh a' bhaile. Ach cha sheall mapa sam bith aon rud a tha a' toirt gach pàirt de Ghlaschu còmhla. Bho Ibrox gu Sràid Bhochanain, Partaig gu Baile Ghobhainn, bhòt gach sgìre anns an treas baile as motha ann am Breatainn airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Tha na calmain ann an Ceàrnag Sheòrais cho dàna - cha mhòr - ri muinntir a' bhaile fhèin. An-uiridh chaidh ainm ùr a chur air an àite, Ceàrnag na Saorsa, às dèidh Tahrir ann an Cairo na h-Èiphit. Chaidh magadh air luchd "bu chòir" airson sin. Ach anns na seachdainean ron a' bhòt chaidh a' Chearnag na h-àite cruinnichidh, na h-àite cèilidh don luchd-iomairt, tòrr dhiubh air leth òg, aig nach robh ùidh anns an deasbad phoileataigeach roimhe, ach a thàinig gu aois aig àm nuair a bha Alba a' cumail deasbaid farsaing mun seòrsa dùthcha a bu chòir a bhith innte. Tha cuimhne agam air a bhith a' siubhail air ais agus air adhart, air an trèana eadar Glaschu agus Dùn Èideann, ag èisteachd ri buidhnean òigridh a' deasbad gach puing anns an deasbad le bharrachd ùidh agus eòlais na bha againne nuair a bha mi fhìn is mo chairdean cho òg sin.

Madainn às dèidh na bhòt, ge-tà, 's dòcha gum b' e Cearnaig Sheòrais an t-àite bu bhrònaiche ann an Alba. Cha b' urrainn do chuid de dhaoine creidsinn nach deach an còrr dhen dùthaich leotha. Chleachd iad na brataich a thog iad anns a' chearnaig gach oidhche ron a' bhòt mar phlaidean airson an cumail blàth, no airson an sùilean a thiormachadh.

Cha robh beachd stèidhichte aig Catriona nuair a thòisich an iomairt. Ach tha i dhen a' bheachd gur e cho follaiseach is a bha luchd "bu chòir" air sràidean Ghlaschu a rinn an diofar eadar an dà thaobh anns a' bhaile:

"A h-uile latha a bha thu a-muigh," canaidh i, "chìtheadh tu cuideigin a' moladh iomairt "bu chòir". Bha daoine air na sràidean, bha iad a' moladh an cuid bheachdan. Cha robh mi faicinn duine sam bith a' moladh an taobh eile agus leis an sin tha mi smaointinn gun robh Glaschu air a bheò-ghlacadh le taobh "bu chòir".

Bliadhna às dèidh na bhòt tha a h-uile coltas nach do dh'atharraich am baile a bheachd. Tha na brataich fhathast anns na h-uinneagan, na sticearan fhathast air na solaisean sràid. Tha cuid air nochdadh o chionn goirid leis an aon Yes, geal air gorm mar a bha e an-uiridh, ach le àireamh a dhà air a chur ris. Am beachd gu leòr ann an Glaschu, is e an aon cheist a-nis cùine a thèid bhòt eile a chumail.

Ach, ann am Partaig, tha Iain Tormod dhen bheachd gu faodadh sin a dhol an aghaidh an fheadhainn a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd fhathast:

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Nicola Sturgeon gu math cùramach is tha i faicealach a thaobh ghnothaichean," their e. "Ma chailleas iad a-rithist, chan eil dol air ais ann, cha bhiodh e math don ìomhaigh aca."

Tha e fhathast doirbh ìomhaigh Ghlaschu a ghlacadh. Cha deach e leis a' chòrr dhen dùthaich an-uiridh. Ach bheir na thachras anns a' bhaile as motha ann an Alba buaidh air an dùthaich air fad. Tha na trèanaichean fo thalamh Ghlaschu a' ruith ann an dà chearcail a-mhàin. Cha do stad an deasbad air neo-eisimeileachd idir, agus tha faireachdainn an seo nach fhada gus an tig a' cheist mun cuairt a-rithist.